Uidheam eadar-theangachaidh ùr

  • 22 An t-Samhain 2012
Eadar-theangaire
Tha an siostam ag amas air eadar-theangachadh Gàidhlig a dhèanamh nas cunbhalaiche.

Dh'fhaodadh gun tèid airgead mòr a chùmhnadh le seirbheis eadar-theagachaidh ùr Ghàidhlig.

Chaidh TòMaS (Translation Memory Service) a chruthachadh le Oilthigh na Gàidhealtachd 's nan Eilean (UHI) agus iad ag ràdh gum faodadh an cànan atharrachadh gu mòr a reir 's cò bha ga h-eadar-theangachadh.

Tha eadar-theangairean Gàidhlig ag obair air feadh na dùthcha, agus tighinn orra gu math tric rudan leithid "quantitative easing" agus "consumer goods" a chur ann an dreach Gàidhlig. Mar a thuigear bidh a fhreagairt fhèin aig gach duine aca.

Leis an t-siostam ùr seo, bidh cothrom aca cuideachadh fhaighinn, le bhith a' faicinn na chuir eadar-theangairean eile air leithid de dh'abairtean roimhe.

Ged a chosg an goireas ùr £30,000 tha Ruairidh MacAoidh, o UHI, den bheachd gum bi buannachd ann dhan a h-uile duine.

Barrachd Obrach

"Tha beachd air a bhith ann airson bhliadhnaichean a-nis, gu bheil tòrr eadar-theangairean ag obair air an aon sheòrsa sgrìobhaidhean, mar fhoillseachaidhean Gàidhlig, agus bha beachd ann gum b'urrainn dhuinn an teicneòlas seo a chleachdadh airson a bhith cinnteach nach eil sinn dìreach ag eadar-theangachadh an aon rud bliadhna às dèidh bliadhna," thuirt e.

"Mar sinn dheth tha dùil againn gum b'urrainn dhuinn na seann eadar-theangachaidhean a chleachdadh a-rithist 's a-rithist.

"Tha dùil ann gun obraich sinn còmhla ris na buidhnean poblach sa chiad dol-a-mach, airson an seann stuth a th' aca a chur ris na stòran-dàta.

"Cuideachd tha dùil againn gun obraich sinn còmhla riutha airson briathrachas a chur air dòigh cuideachd," thuirt e.

Thathas den bheachd gum bi e gu sònraichte feumail do bhuidhnean poblach a dh'fheumas airgead poblach a chosg air stuth eadar-theangachadh dhan Ghàidhlig.

Leis gun toir am bathair-bog eisimpleirean de mar a dh'eadar-theangaicheadh cuid de dh'abairtean mionaideach roimhe, tha dùil gun toir sin lùghdachadh air na dh'fheumas iad a thoirt seachad do na h-eadar-theangairean.

"Airson nam buidhnean poblach, dh'fhaodadh am bathair-bog seo airgead a shàbhaladh," thuirt Mgr MacAoidh.

"Ma chuireas na buidhnean poblach faidhlichean Beurla ùra tron bhathair-bhog sa chiad dol-a-mach, 's dòcha gum bi can 20% a' nochdadh bho na stòran-dàta mar thà.

"Tha sin a' ciallachadh nach bi aca ach an còrr a sgaoileadh a-mach dha na h-eadar-theangairean," thuirt e.

"Bidh barrachd ùine aig eadar-theangairean airson barrachd obrach a dhèanamh.

"Air sgàth 's gum bi barrachd chompanaidhean a' tighinn air bòrd, tha sin a' ciallachadh gum bi barrachd obrach ann," thuirt e.