Post-oifis ann an Steòrnabhagh a' dùnadh

  • 22 An t-Samhain 2012

Tha daoine ann an ceann a tuath Steòrnabhaigh a' gearain gu bheil Oifis a' Phuist ann am buth an Trading Post a' dùnadh.

Tha am fear-gnothaich dham buin a' bhùth, Mgr Engebretsen, ag ràdh gu bheil e air a bhith a' call airgid oirre bho chionn dà bhliadhna, agus gum fosgail oifis puist a bhios mòran nas goireasaiche aig an stèisean connaidh a th' aige air taobh eile a' bhaile.

Thuirt Mgr Engebretsen nach b' urrainn dha an t-seirbheis a chumail a' dol mar a bha i o chionn 's gun robh i a' call airgid gach bliadhna, agus gur e roghainn a bh' ann oifis a' phuist a ghluasad, no a dùnadh builleach glan.

Thuirt e gun toireadh seo cothrom dhaibh seirbheis nas fheàrr a thoirt seachad agus cosnaidhean a shàbhaladh.