Crìonadh cladaich "riatanach" do na h-Eileanan

  • 21 An t-Samhain 2012
Coilleagan gainnmhich air taobh siar Uibhist. Image copyright Undiscovered Scotland
Image caption Tha dragh mòr ann mu chrìonadh nan cladaichean ann an Uibhist.

Tha na cladaichean ìosal air oirthir an iar Uibhist nan samhla ainmeil de na h-Eileanan Siar.

'S ann ainneamh ann an àite sam bith eile a chìthear tràigh de ghainmhich ghil a' sìneadh cho fada 's a shìneas radharc na sùla.

Tha dragh air a bhith ann o chionn beagan bhliadhnaichean gur ann nas ainneimhe a dh'fhàsas an sealladh sin, agus àrdachadh na mara a' cur nan tràighean sin, agus a' mhachair thorraich luachmhoir a th' air an cùlaibh, ann an cunnart a dhol à bith.

Tha obair air a bhith a' dol, gu seachd àraid às dèidh na stoirme mòire aig toiseach 2005, gus rudan a chur an sàs air a' chladach ann an corra àite, gus a' ghainneamh a chumail seasmhach, agus leigeil leis a' mhuran freumhachadh ach an seas i an aghaidh bualadh nan tonn.

Eileanan Bacaidh

Thathas gu sònraichte draghail mu mar a tha bacan gainnmhich, leithid a' Ghualain, a tha a' cur dìon air an Fhadhal a Deas, a' crìonadh gu mòr, 's eagal ann gum bi am fadhal gun fhasgadh sam bith.

Ach tha eòlaiche a-nis ag ràdh gun cuir na h-oidhirpean seo gus dìon a chur air na h-eileanan beaga gainnmhich - leithid a' Ghualain - air taobh an iar nan eileanan, às dhan dearbh rud a thathas a' feuchainn ri dhìon.

Ann an rannsachadh a rinn an t-Oll. Anndra Cooper, à Oilthigh Uladh, tha e a' cumail a-mach gu bheil rud sam bith leithid balla-mara, no lìon, a' cur cnap-starra mu choinneimh siostaim a th' air a bhith a' dìon chladaichean nan eilean - agus a' glèidheadh nan eilean fhèin - o chionn fhada.

Tha an t-Oll. Cooper ag ràdh gur e rud ris an canar "Eileanan Bacaidh" a th' anns na druimean de ghainnimh a gheibhear far a' chladaich air taobh siar nan Uibhistean, far am bi a' ghainneamh, ma leigear leatha, a' càrnadh suas ron mhuir 's i ag èirigh, a' glèidheadh chladaichean an eilein nas motha a th' air an cùlaibh, seach a' falbh 's a' leigeil leis an eilean a dhol fo na tuinn.

Gus seo a dhèanamh ge-tà, feumar a' ghainneamh, na coilleagan agus na tràighean fhàgail mar a tha iad, gun ballachan, lìon no càil eile a bhith a' feuchainn ri an cumail far a bheil iad.

"'S e àite neònach a th' ann eileanan bacaidh fhaicinn," thuirt an t-Oll. Cooper.

"Mar as trice, 's ann an cois mhachraichean ìosal a gheibhear iad, seach air chostaichean creagach stoirmeil aig cha-mhòr 60 ceum gu tuath. 'S e suidheachadh annasach dha-rìribh a th' ann a tha a' leigeil leotha a bhith ann air costa an iar na h-Alba idir.

"Tha tuathanaich a tha ag obair orra air a bhith fada den bheachd gu bheil a' ghainneamh ga toirt dhiubh, 's ga sgaoileadh a-mach gu muir.

"A-nis agus sinn a' tuigsinn gur iad dha-rìribh eileanan bacaidh a th' annta, tha fhios againn nach e sin an t-seòrsa crìonaidh a tha a' dol idir.

"An àite a' ghainneamh a bhith ga cur a-mach gu muir, 's ann a tha i ga putadh a-steach air an tìr - coltach ri brat-ùrlar a ròladh suas.

"Gu mì-fhortannach, o bha stoirmean mòra ann, tha an t-uabhas de bhallachan mara cruaidh a chur an sàs air taobh a' chuain de na h-eileanan beaga seo, agus daoine a' creidsinn - le mearachd - gun cuir sin stad air a' chrìonadh.

Manaidsearachd Ùr

"An àite sin, 's ann a tha iad a' cur stad air gluasad nàdarra nan eileanan bacaidh a dh'ionnsaigh na tìre.

"Tha sinn a' smaointinn, le bhith a' cumail na gainnmhich ann an aon àite, gu bheil sinn a' dìon a' mhachaire. Ach chan eil.

"Tha mòran obrach a dhìth san sgìre gus toirt air daoine na h-eileanan bacaidh seo a thuigsinn, agus tuigsinn nach e cunnart a th' ann an crìonadh air leithid de dh'eilean - 's ann a tha e riatanach dha na h-eileanan.

"Ma chuirear ballachan timcheall orra, thèid an glasadh a-steach, 's thèid iad fodha.

"Chuireadh sin às do dhòigh beatha na croitearachd do na mìltean dhaoine a tha a' fuireach sna h-eileanan," thuirt e.

Tha an t-Oll. Cooper an dòchas gun gabh sgeamaichean manaidsearachd ùra a chur an sàs, stèidhichte air an tuigse ùir seo, gus am machair a dhìon gu ceart, seach a chur ann an cunnart.