Stiùidio
Cha chluich seo air an uidheamachd agaibh

Naidheachdan 11:00m

21 An t-Samhain 2012 Ùraichte aig Ùraichte aig

Tel Aviv

Bha spreadh air bus ann am baile Tel Aviv ann an Israel, agus tha poilis an sin ag ràdh gur i ionnsaigh cheannairc a bh' ann. Tha aithrisean ann gun deach deichnear a leòn, triùir dhiubh gu dona. Tha oidhirp mhor dhiplomasach a' dol air adhart fhathast airson stad a chur air sabaid eadar Israel agus Hamas ann an Gàsa. Thuirt Àrd-Rùnaire an UN, Ban Ki-moon, anns a' mhadainn an-diugh, gun robh còmhraidhean feumail aige ri Ceann-suidhe nam Pailistinianach, Mahmoud Abbas.

Alba 's an Aonadh Eòrpach

Tha Ball-Pàrlamaid Làbarach ag ràdh nach tàinig freagairt cheart fhathast bho Riaghaltas SNP na h-Alba a thaobh an d'fhuair iad comhairle laghail air àite Alba neo-eisimeilich anns na Aonadh Eòrpach. Thug Anna NicEachainn a' chùis aig deasbad ann an Taigh nan Cumantan. Tha ceist a thaobh am biodh Alba neo-eisimeileach a' faighinn ballrachd dìreach dhan EU aig cridhe an deasbaid mun bhun-reachd. Thuirt Riaghaltas na h-Alba nach do dh'iarr iad comhairle mhionaideach laghail air a' chùis ron a seo. Ach gum bi iad a' dèanamh sin a-niste.

Standard Life

Tha dùil ri dearbhadh an-diugh bhon chompanaidh àrachais Standard Life, a tha stèidhichte ann an Dùn Èideann, gu bheil iad a' gearradh mu 150 cosnadh. Tha a' chompanaidh a' bruidhinn ri luchd-obrach an-dràsta mu na dreuchdan a dh'fhalbhas, an dèidh dhaibh innse na bu tràithe am bliadhna gu bheil iad ag atharrachadh structair na h-obrach aca.

Bun-sgoil Ghàidhlig Inbhir Nis

Tha am buaireadh mu Bhun-sgoil Ghàidhlig Inbhir Nis a' leudachadh, 's e a' faileachadh air a' cheannard eadar-amail an obair làn-ùine fhaighinn aig agallamh, ged nach robh duine eile ag iarraidh na h-obrach. A-niste, tha Annika Jannson a' fàgail a dreuchd eadar-amail, a' fàgail na sgoile gun cheannard idir. Tha cuid de phàrantan ga h-iarraidh air ais ge-tà, mar cheannard eadar-amail. Thuirt Comhairle na Gàidhealtachd gun tòisich am pròiseas a-rithist airson ceannard làn-ùine fhastadh.

Rangers

Thuirt àrd-oifigeach Chluba Bhuill-choise Rangers, Teàrlach Green, gu bheil co-dhùnadh tribunal cìse an-dè a' cur teagaimh mhòir a-niste ann an rannsachadh an SPL mu chasaidean gun robh seann chluba Rangers a' cleachdadh sgeamaichean EBT airson cluicheadairean a phàigheadh le iasad gun chìsean. Tha tribunal cìse air riaghladh gur e iasadan a bh' anns a' mhòr-chuid den airgead sin air nach bu chòir cìsean a chur. Tha HMRC a' beachdachadh a-niste air tagradh an aghaidh sin.