Fàilte air rannsachadh neo-eisimeileach SAC

  • 21 An t-Samhain 2012
Caolas Bharraigh Image copyright Undiscovered Scotland
Image caption Thathas a' moladh SAC a stèidheachadh ann an Caolas Bharraigh.

Chuir an Comhairliche Barrach Dòmhnall Manford fàilte air an naidheachd gun tèid sgrùdadh neo-eisimeileach a dhèanamh mu bhith a' cur sgìre ghlèidhte aig muir (SAC) ann an Caolas Bharraigh.

Thuirt Riaghaltas na h-Alba gun do cho-dhùin iad sgrùdadh a chur air dòigh ri linn 's gu bheil uiread de dhaoine air ceistean a thogail mun phlana.

Tha dragh air a bhith air muinntir na sgìre gun cuireadh leithid de sgìre ghlèidhte bacadh air leasachaidhean eaconamach, air an iasgach, agus air obair croitearachd.

"Tha mi mì-thoilichte agus tàmailteach gu bheil Dualchas Nàdair na h-Alba air a thoirt air n-aghaidh, agus cumail a' tighinn air n-aghaidh air a shon," thuirt e.

Miughlaigh

"Tha mi a' creidsinn nach eil e na naidheachd sam bith, tha iad air a bhith a' feuchainn ri a dhèanamh airson còrr is fichead bliadhna a-niste.

"'S e toileachadh mòr a th' ann gun teagamh gu bheil am ministear air aontachadh rannsachadh a dhèanamh air dè mar a thàinig an fhianais air aghaidh agus a bheil an fhianais dòigheil agus ceart.

"Tha e uabhasach riatanach gum bi an rannsachadh neo-eisimeileach, agus gum bi e soilleir, agus gu math eadar-dhealaichte do dhuine sam bith a tha a' feuchainn ris an leithid seo de rud a phutadh.

"Bidh sinn an dòchas gur h-e am facal deireannach a bhios ann, agus gun urrainn dhuinn aontachadh gun robh e ceart agus dòigheil.

"Tha e riatanach cuideachd gun innsear dhuinn a bheil agus cuin a tha iad a' dol a dhèanamh an aon rud air an rud a chaidh a dhèanamh air taobh Mhiughlaigh.

"Thàinig sin air aghaidh aig an aon àm, anns an aon dòigh, agus mur an robh fianais cheart air aon fhear, chan urrainn dhuinn earbsa a bhith againn gun robh e ceart air fear eile cuideachd.

"Chuir mise cheana a-staigh, mu dhà mhìos air n-ais, iarrtas airson sin a dhèanamh, agus bidh mi an dòchas gun aontaichear an dearbh rud sin a dhèanamh, agus bidh na ceistean a' leantainn sin," thuirt e.

Tuilleadh air an sgeulachd seo

Duilleagan Eadar-lìn co-cheangailte

Chan eil uallach air a' BhBC son na tha air làraichean-lìn eile