Dragh an Uibhist mu ghearraidhean

  • 21 An t-Samhain 2012
Cùram
Image caption Nochd dragh aig a' choinneimh mun bhuaidh a bheir gearraidhean air cùram do sheann daoine.

Nochd draghan ann an Uibhist a Deas mun bhuaidh a bheir gearraidhean a tha san amharc aig Comhairle nan Eilean Siar (CNES) air a' choimhearsnachd.

Tha sreath de choinneamhan aig CNES an-dràsta son beachd an t-sluaigh fhaighinn air molaidhean na Comhairle airson ghearraidhean.

Chuir a' Chomhairle rompa £6m a shàbhaladh thairis air dà bhliadhna.

Aig coinneamh ann an Dalabrog oidhche Mhàirt nochd ceistean gu sònraichte mu ghoireasan siubhail agus cùram sheann dhaoine.

Co-fhaireachdainn

Thuirt Aonghas MacIlleMhaoil, Cathraiche Stòras Uibhist, gun robh co-fhaireachdainn aige ris a' Chomhairle agus gur e cion airgid bhon Riaghaltas a tha aig bun na cùise.

Dh'iarr e ge-tà, gum bi a' Chomhairle air leth faiceallach càite an dèan iad gearraidhean.

"Tha seo a' bualadh air an fheadhainn as miosa dheth - seann daoine, daoine òga agus daoine a th' ann an cunnart," thuirt e.

"Tha seirbheisean ann a dh'fheumas iad cumail, chan e idir dìreach a bhith a' gearradh air a h-uile roinn tarsainn air a' Chomhairle.

"Chan urrainn dhaibh gearradh is gearradh, gu h-àraid air na seann daoine agus luchd-cùraim.

"Anns an t-saoghal anns a bheil sinn, bu chòir dhuinn dèanamh cinnteach gu bheil sinn a' coimhead às dèidh nan daoine sin," thuirt e.

Moladh

Rinn Mgr MacIlleMhaoil moladh air mar a chaidh CNES mun cuairt air a' ghnothach.

"Tha iad a' toirt dhuinn a h-uile cothrom.

"Fhuair sinn fiosrachadh math agus bha iad gu math fosgailte mun phròiseas," thuirt e.

Bidh coinneamh phoblach eile mu bhuidseat CNES ann an seòmar na Comhairle ann an Steòrnabhagh Diardaoin 22mh den t-Samhain aig 6:30f.

Tuilleadh air an sgeulachd seo

Duilleagan Eadar-lìn co-cheangailte

Chan eil uallach air a' BhBC son na tha air làraichean-lìn eile