Sgrùdadh neo-eisimeileach air SAC

  • 20 An t-Samhain 2012
Caolas Bharraigh Image copyright Undiscovered Scotland
Image caption Thathas a' moladh SAC a stèidheachadh ann an Caolas Bharraigh.

Dh'innis Riaghaltas na h-Alba gun tèid sgrùdadh neo-eisimeileach a dhèanamh air an fhianais shaidheansail 'son sgìre ghlèidhte mhara SAC a stèidheachadh ann an Caolas Bharraigh.

Thuirt an riaghaltas gun d'fhuair iad an stiùireadh mu dheireadh bho Dhualchas Nàdair na h-Alba (SNH) mun ghnothach, is gu bheil SNH a' moladh gun tèid SAC a stèidheachadh.

Fhuaireadh cuideachd aithisg mun cho-chomhairleachadh phoblach a rinneadh air na planaichean.

Thuirt an riaghaltas gur e an àireamh de ghearainnean a fhuair iad, agus cho farsaing 's a bha na freagairtean, a bu choireach gum bi sgrùdadh neo-eisimeileach a-nise ann.

Àrrainneachd

"Tha àrainneachd shònraichte ann an Caolas Bharraigh agus 's ann air sgàth sin a tha sinn a' beachdachadh air SAC a stèidheachadh ann," thuirt Ministear na h-Àrainneachd, Pòl Wheelhouse.

"Tha sinn ge-tà, air an t-uabhas de bheachdan fhaighinn mun seo, feadhainn a tha a' togail ceist mun fhianais shaidheansail a rinneadh.

"Mar sin, gus am bi dealbh slàn agam mus dèan mi co-dhùnadh, dh'iarr mi sgrùdadh neo-eisimeileach air an fhianais shaidheansail.

"Tha mi airson taing a thoirt do SNH 'son an aithisg fharsaing a rinn iad agus dh'iarr mi orra a sgaoileadh.

Co-dhùnadh

"Nuair a tha an sgrùdadh seo seachad beachdaichidh mi air an fhiosrachadh air fad - a' gabhail a-steach fhreagairtean bhon cho-chomhairleachadh - mus dèan mi co-dhùnadh.

"Ma 's e is gun toir mi cead 'son SAC, faodaidh muinntir na coimhearsnachd a bhith cinnteach gun tèid cothromachadh a ruighinn eadar glèidhteachas agus na feumalachdan sòisealta, eaconomach is culturail aca fhèin," thuirt e.

Tha na planaichean 'son sgìrean SAC air a bhith connspaideach bho thùs is iasgairean gu sònraichte ag ràdh gun toireadh iad fìor dhroch bhuaidh air a' ghnìomhachas aca.

Thathas an dùil gun tèid an sgrùdadh neo-eisimeileach a chrìochnachadh ro dheireadh 2012.

Duilleagan Eadar-lìn co-cheangailte

Chan eil uallach air a' BhBC son na tha air làraichean-lìn eile