Ìmpidh air an Riaghaltas mu aiseag

  • 20 An t-Samhain 2012
Malaig Image copyright Undiscovered Scotland
Image caption Chaidh an t-seirbheis a bh' ann a stad sna 1990an.

Tha Buidheann Ghnìomha Raoin Rocaidean Innse Gall air iarraidh air Riaghaltas na h-Alba dearbhadh gum bi moladh airson seirbheis aiseig eadar Malaig 's Loch Baghasdail an lùib a' phlana dheireannaich airson sheirbheisean aiseig.

Às dèidh coinneimh ann am Beinn nam Fadhla an t-seachdain seo chàidh, thuirt cathraiche na buidnne, Ceannard Comhairle nan Eilean Siar, Aonghas Caimbeul, gu bheil an t-seirbheis deatamach, 's gum bu chòir a cur an sàs cho luath 's a ghabhas an ath-bhliadhna.

Tha muinntir Uibhist air a bhith a' strì o chionn iomadh bliadhna airson seirbheis aiseig fhaighinn a Mhalaig, seach dhan Òban.

Chaidh an t-seirbheis a bh' ann eadar Loch Baghasdail agus Malaig a stad anns na 1990an.

Duilleagan Eadar-lìn co-cheangailte

Chan eil uallach air a' BhBC son na tha air làraichean-lìn eile