Dragh mu ghearraidhean ann am Barraigh

Bàgh a' Chaisteil, Barraigh Tha aig a' Chomhairle ri £6m eile a chùmhnadh.

Dh'èirich dragh aig coinneimh phoblaich ann am Barraigh oidhche Luain mun bhuaidh a dh'fhaodadh a bhith aig gearraidhean buidseit Comhairle nan Eilean Siar air an Eilean.

Tha a' Chomhairle a' feuchainn ri £6m a shàbhaladh thairis air dà bhliadhna.

Tha iad a' cumail sreath de choinneamhan co-chomhairleachaidh mu mar a ghabhadh sin dèanamh.

Chualas aig a' choinneimh gum faodadh coimhearsnachd mar Barraigh buaidh nas motha fhulang bho ghearraidhean na bhiodh ann an Steòrnabhagh 's na sgìrean mun cuairt air.

Guth a Thogail

"Nuair a tha coimhearsnachd bheag iomallach agad mar a th' againn ann am Barraigh, tha sinn air leth mothachail air cho fada air falbh 's a tha sinn o mheadhan nan seirbheisean," thuirt Betty Nic an t-Saoir, a bh' aig a' choinneimh.

"Agus le sin, tha e a' cur barrachd uallaich oirnn saoilidh mi airson ar guth a thogail agus fios a leigeil leis a' Chomhairle gu bheil e draghail dhuinn am beagan seirbheis a tha sinn a' faighinn, gum feumar a ghlèidheadh cho math 's is urrainnear.

"Agus na buill chomhairle a bhios a' dèanamh, aig deireadh an là, nan co-dhùnaidhean a thaobh nan gearraidhean, gu bheil iadsan cuideachd mothachail air na sgìrean beaga iomallach air am buail na gearraidhean fada nas cruaidhe na bhuailleas iad air na h-àiteachan meadhanach, mar a tha baile Steòrnabhaigh," thuirt i.

Start Quote

Tha mi a' smaoineachadh gum feum sinn na gearraidhean a dhèanamh tarsainn nan seirbheisean againn air fad”

End Quote An Comh. Tormod Dòmhnallach Fear-gairm Comhairle nan Eilean Siar

Cha deach fear-gairm na Comhairle, Tormod Dòmhnallach le sin.

Thuirt e gun deadh feuchainn ri gearraidhean a bheireadh buaidh mhòr air coimhearsnachd shònraichte, a sheachnadh.

"Chan eil mi a' dol le sin idir. Tha mi a' smaoineachadh gum feum sinn na gearraidhean a dhèanamh tarsainn nan seirbheisean againn air fad," thuirt e.

"Agus bidh sinn gu h-àraid a' coimhead ri seirbheisean far a bheil buaidh mhòr gu bhith aca ann an coimhearsnachd shònraichte ma 's e 's gun tèid an gearradh.

"Agus bhithinn an dòchas gun gabhadh sin a sheachnadh nan gabhadh e dèanamh," thuirt e.

Tuilleadh mun sgeulachd seo

Chan eil uallach air a' BhBC airson na tha air làraich-lìn eile.

Sgeulachdan aithriseach

BBC © 2014 Chan eil uallach air a' BhBC airson na th' air làraich-lìn eile.

Gheibhear sealladh nas fheàrr den duilleig seo le sealladair lìn nas ùire agus na duilleagan stoidhle (CSS) air. Ged a chithear susbaint na làraich leis an t-sealladair lìn a th' agaibh, tha sinn a' moladh an dreach as ùire den bhathar-bhog ur sealladair a thoirt a-nuas, no ur duilleagan-stoidhle a chur air ma ghabhas sin dèanamh.