Co-dhùnadh mu Khaylee ga chàineadh

  • 20 An t-Samhain 2012
Kaylee Nic an Tòisich Image copyright other
Image caption Bhàthadh Kaylee ann an Loch a' Chàrnain, Uibhist a Deas, o chionn còig bliadhna.

Chaidh co-dhùnadh Oifis a' Chrùin gun cùis lagha a thogail an aghaidh duine sam bith eile ri linn bàs Kaylee Nic an Tòisich, a chàineadh le luchd-lagha a tha a' riochdachadh a teaghlaich.

Chaidh Kaylee, a bha 14, a bhàthadh ann an tubaist air Loch a' Chàrnain an Uibhist bho chionn coig bliadhna, 's i an sàs ann an eacarsaich chaideatan an airm.

Chaidh càin de £5,000 air a' Mhèidsear Seòras MacCaluim a bha os cionn na h-eacarsaich, 's e air aideachadh roimhe gun deach riaghailtean slàinte 's sàbhailteachd a bhriseadh.

Thuirt Oifis a' Chrùin nach robh fianais gu leòr ann casaidean a thogail an aghaidh duine sam bith eile.

"Bha bàs Kaylee Nic an Tòisich na chùis uabhais, agus ghabhadh a sheachnadh," thuirt labhraiche bhon Oifis.

"Chaidh làn-rannsachadh a dhèanamh air, anns an robh Buidheann na Slàinte 's na Sàbhailteachd, na Poilis agus an Crùn an sàs.

"Tha a bàs cuideachd air a dhol fo rannsachadh tubaist bhàsmhoir, agus chaidh am Mèidsear MacCaluim a dhìteadh gu soirbheachail ri linn 's mar a bhris e riaghailtean Slàinte is Sàbhailteachd.

"Chaidh an MOD a smachdachadh le Buidheann na Slàinte 's na Sàbhailteachd.

"Tha Sgioba-lagh a' Chrùin air co-dhùnadh nach eil fianais gu leòr ann airson duine sam bith eile a bha an sàs sa chùis a thoirt gu lagh. Chaidh innse do phàrantan Kaylee mun cho-dhùnadh seo."

Thuirt fear-lagha an teaghlaich, Glenn Miller, gu bheil Oifis a' Chrùin leotha fhein nam beachd, 's iad a' dol an aghaidh beachd an t-siorraim, luchd-lagha agus pàrantan Kaylee.

Thuirt e gum bi pàrantan Kaylee a' sireadh tuilleadh mhìneachaidh bhon Mhorair Tagraidh agus an uairsin gum beachdaich an teaghlach air no roghainnean a th' aca.

Tuilleadh air an sgeulachd seo