Ionad coimhearsnachd ann an Luinn

  • 20 An t-Samhain 2012
Làrach an ionaid an Culapul Image copyright Urras Coimhearsnachd Eileann Luinn
Image caption Bidh an t-ionad stèidhichte air taobh thall a' chuaraidh seo an Culapul.

Fhuaireadh an t-airgead air fad a tha a dhìth airson ionad coimhearsnachd a thogail ann an Eilean Luinn.

'S e Ionad nan Eilean Atlantaigeach a bhios air an àite, is bidh e stèidhichte ann an Culapul.

Dh'innis Urras Coimhearsnachd Luinn gun d'fhuair iad £360,000 bho mhaoin Eòrpach an ERDF.

'S e sin an cnap mu dheireadh a bha a dhìth orra agus faodar tòiseachadh a-nise air obair-togail.

Fhuair an t-urras mar thà £754,910 bhon Chrannchur Mhòr 'son obair-togail is chosgaisean luchd-obrach, £72,256 bho Riaghaltas na h-Alba 'son 's gum bi an t-ionad èifeachdach a thaobh na h-àrainneachd, is £15,000 bho Bhòrd na Gàidhlig mu choinneimh soidhnichean sa Ghàidhlig.

Bha an t-urras fhèin mar thà air £6,000 a thional, is tha iad ag amas air an tuilleadh airgid a thogail iad fhèin.

Goireasan

Bidh taigh-bidhe, taigh-tasgaidh is goireasan IT san ionad, agus tha dùil gum bi e air a chleachdadh le luchd-turais a bharrachd air muinntir an àite.

Thuirt an t-urras gun toir e cosnaidhean dhan eilean agus cothrom do dhaoine a tha airson obair saor-thoileach a dhèanamh.

Tòisichidh an t-urras a-nise a' sireadh mhanaidseir airson na pròiseict, agus companaidh a nì an obair-togail.

Cha robh a h-uile duine san eilean a' cur taic ris a' phròiseict seo bho thùs, le cuid a' cumail a-mach nach robh goireas den leithid a dhìth ann an Luinn.

Thuirt iar-chathraiche an urrais, Tormod Bissell, ge-tà, gur e leasachadh mòr a bhios ann do Luinn agus gun dèan e sùrd toiseach na h-obrach fhaicinn.

Bidh oidhche fhiosrachaidh mun ionad ann an Talla Chulapuil Dihaoine an 30mh den t-Samhain aig 7:30f.

Duilleagan Eadar-lìn co-cheangailte

Chan eil uallach air a' BhBC son na tha air làraichean-lìn eile