Uard fosgailte a-rithist

  • 20 An t-Samhain 2012
Noro-bhìoras
Bha dragh ann gun robh Noro-bhìoras ma sgaoil ann an Ospadal nan Eilean ann an Steòrnabhagh.

Dh'fhosgail uard meidigeach 2 aig Ospadal nan Eilean ann an Steòrnabhagh as ùr do dh'euslaintich agus luchd-tadhail.

Dhùin an uard an t-seachdain seo chaidh is dragh ann gun robh Noro-bhìoras ma sgaoil ann.

Thàinig fios bho Bhòrd Slàinte nan Eilean Siar ge-tà, nach eil duine as ùr air comharran tinneas dìobhairt a nochdadh.

Thuirt am Bòrd nach deach cùisean de Noro-bhìoras a dhearbhadh anns na h-Eileanan an Iar am bliadhna, ach gun robh cuid air Uard 2 aig an ospadal a' fulang le dìobhairt agus a' bhuineach bho chionn ghoirid.

Chaidh an uard a dhùnadh gus stad a chur air a sin sgapadh.

Dh'innis am Bòrd cuideachd gu bheil iad air na h-uairean tadhail airson an uard atharrachadh - faodar tadhal air euslaintich eadar 15:00 is 16:00 agus eadar 19:00 is 20:00.