Stiùidio
Cha chluich seo air an uidheamachd agaibh

Naidheachdan 11:00m

19 An t-Samhain 2012 Ùraichte aig Ùraichte aig

Gàsa

Dh'iarr Àrd-Rùnaire an UN, Ban Ki-moon, stad air an t-sabaid eadar Israel agus na Pailistinianaich a th' air a bhith a' dol bho chionn sia là a-niste. Thuirt Mgr Ban gum bi e a' dol dha na còmhraidhean san Èipheit a tha a' feuchainn ri sìth a dhèanamh. Chaidh còrr is 80 Pailistinianach agus triùir Israelach a mharbhadh bho thòisich Israel a' toirt ionnsaigh air Gàsa mar dhìoltas airson rocaidean a tha a' bhuidheann Hamas a' losgadh air Israel.

Cosnaidhean Ùra

Tha companaidh anns an Fhraing am beachd 650 cosnadh a stèidheachadh ann an gnìomhachas cumhachd ath-nuadhachail na h-Alba. Dh'innis a' chompanaidh Areva, do Phrìomh Mhinistear na h-Alba, Ailig Salmond, a th' air chuairt ann am Paris, gum bi iad a' gluasad earrainn na companaidh a tha a' dèanamh nan crann-gaoithe a dh'Alba. Thuirt Ailig Salmond gur e brosnachadh eile a tha seo dhan ghnìomhachas ann an Alba.

Kaylee Nic an Tòisich

Chaidh càin £5,000 aig Cùirt an t-Siorraidh ann an Inbhir Nis an-diugh, air oifigear a bha os cionn turas Chaideatan an Airm a dh'Uibhist a Deas far an do chaill deugaire à Siorrachd Obar Dheathain a beatha. Dh'aidich am Mèidsear Seòras MacCaluim ron a seo gun do bhris e Achd na Slàinte 's na Sàbhailteachd. Chaidh Kaylee Nic an Tòisich, a bha 14 bliadhna de dh'aois, a bhàthadh nuair a chaidh car de chanù air Loch a' Chàrnain bho chionn còig bliadhna.

Alba Neo-eisimeileach

Bidh ceistean mòra eaconamach mu choinneamh Alba neo-eisimeilich a rèir Institiùd Sgrùdaidh an Ionmhais (IFS) a tha ag ràdh gum biodh dùbhlan nas motha mu choinneamh Alba na bhitheadh ron chòrr den Rìoghachd Aonaichte ma 's e agus gun tuit, mar a tha dùil, teachd-a-steach bho ghnìomhachas gas agus ola a' Chuain a Tuath. Ach 's ann a tha Riaghaltas na h-Alba ag ràdh gu bheil an aithisg a' sealltainn gum biodh Alba mar dhùthaich neo-eisimeilich air chomas a cosgaisean fhèin a phàigheadh.

Burma

Gheall an Ceann-suidhe Obama taic Aimeireaga don leasachaidh phoileataigeach agus sòisealta ann am Burma. Ach thuirt e gum feum am pròiseas sin leudachadh fhathast. Choinnich Mgr Obama ri Ceann-suidhe na dùthcha, Thein Sein, agus ceannard nan dùbhlannach, Aung San Suu Kyi, anns a' phrìomh bhaile Rangoon. Seo a' chiad turas riamh a tha ceann-suidhe Aimeireaganach a tha fhathast anns an dreuchd air tadhail air Burma.

Tuath-gaoithe Tholastaidh

Bidh a' Chompanaidh 2020 Renewables a' sealltainn phlanaichean ann an Tolastadh Bho Thuath a-màireach airson tuath-gaoithe mu mhìle gu leth an iar air a' bhaile. Tha iad an dòchas cead-dealbhachaidh iarraidh as t-Samhradh an ath-bhliadhna. Ach dh'fhaodadh mì-chinnt mun chàbal-dealain eadar na h-Eileanan agus Tìr Mòr maill a chur air a' phròiseact.