Càin £5,000 air Mèidsear MacCaluim

  • 19 An t-Samhain 2012
Kaylee Nic an Tòisich agus am Mèidsear Seòras MacCaluim Image copyright Not Specified
Image caption B'e am Mèidsear Seòras MacCaluim a bha os cionn an turais.

Chaidh càin de £5,000 air oifigear airm a bha os cionn turais mhara air an deach caideat òg a bhàthadh.

Chaidh Kaylee Nic an Tòisich a bhàthadh ann an Loch a' Chàrnain ann an Uibhist a Deas o chionn còig bliadhna.

Bha Kaylee air a cumail glacte fon bhàta san robh i còmhla ri caideatan eile, 's a bha ro làn, nuair a chuir an soitheach car dhith san loch.

Cha deach mothachadh nach robh i am measg nan caideatan eile, leis nach deach liosta de dh'ainmean a ghairm a-mach mar a bu chòir às dèidh na tubaiste.

Bha i 14, agus bhuinneadh i do dh'Fhyvie ann an Siorrachd Obar Dheathain,

Seacaid-sàbhalaidh

Thàinig e am bàrr às dèidh làimhe gun robh an t-seòrsa ceàrr de sheacaid-sàbhalaidh oirre, 's gun robh sin air a bacadh bho bhith ga saoradh fhèin.

Dh'aidich am Mèidsear ron a seo gun deach riaghailtean slàinte 's sàbhailteachd a bhriseadh air an turas.

A' toirt seachad a' bhinn, thuirt an Siorram, Uilleam Mac an Tàilleir, gun robh làrach na tubaiste aig an àm na "bhùrach" agus gun do dh'adhbharaich sin bàs boireannaich òig àlainn.

Thuirt e cuideachd gun robh e an dòchas nach biodh am binn a chuir e air a' Mhèidsear mar dheireadh air a' chùis.

Thuige seo 's e am Mèidear MacCaluim an aon duine a chaidh a dhìteadh.

Dh'aidich e casaidean co-cheangailte ris an tubaist aig Cuirt an t-Siorraidh ann an Inbhir Nis o chionn deich la.

Chuir pàrantan Kaylee fàilte air aideachadh a' Mhèidsear MhicCaluim.