£750,000 do thuathan-gaoithe nan tàmh

  • 19 An t-Samhain 2012
An Griod Nàiseanta
Chan eil an Griod Nàiseanta comasach air na thathas a-nis a' cruthachadh de dhealan a ghiùlain fhathast.

Pàighidh an Griod Nàiseanta £750,000 do chompanaidhean thuathan-gaoithe nas fhaide den mhìos seo airson na crainn aca a chur dheth fad sia làithean.

Tha na suimean seo gam pàigheadh air feadh gach seòrsa de chruthachadh dealain, mar dhòigh air cus chumhachd a chumail bhon Ghriod, 's na tha de chumhachd anns a' Ghriod a chumail aig ìre chunbhalaich.

Bha cosgais beagan is £174,000 do luchd-ceannaich an lùib nan suimean ann an 2010, agus cha-mhòr £13m ann an 2011, fhad 's a tha figear iomlan na bliadhna seo a' sreap ri £5m.

Thuirt fear-iomairt an aghaidh thuathan-gaoithe a tha stèidhichte ann an Gallaibh, Stuart Young, nach gabhadh leithid de chosgais seachnadh, ri linn poileasaidh an Riaghaltais Albannaich cead a thoirt do thuathan-gaoithe mus robh an Griod comasach air dèiligeadh ris an tuilleadh dealain.

Thuirt labhraiche don Ghriod Nàiseanta nach robh anns na cosgaisean - a tha an sàs gus dealan sa Ghriod air feadh Bhreatainn a chothromachadh - ach nas lugha na 1% de chunntas dealain aon dachaigh.

Thuirt Riaghaltas na h-Alba gun robh an cead a thug riaghladair a' chumhachd, Ofgem, do na planaichean in-ionmhais aig Scottish and Southern Energy (SSE) agus Scottish Power na chomharra air na bha ga dhèanamh gus comas a bharrachd a chur ris a' Ghriod Nàiseanta.

Tha dùil gun tèid na chuireas Alba de dhealan ath-nuadhachail ris a' chòrr de Bhreatainn suas a thrì uidhir ro 2020, a rèir poileasaidh an Riaghaltais.