Càin £5,000 air Mèidsear MacCaluim

  • 19 An t-Samhain 2012
Kaylee Nic an Tòisich agus am Mèidsear Seòras MacCaluim
B' e am Mèidsear Seòras MacCaluim a bha os cionn an turais.

Chaidh càin de £5,000 air oifigear airm a bha os cionn turais mhara air an deach caideat òg a bhàthadh.

Chaidh Kaylee Nic an Tòisich a bhàthadh ann an Loch a' Chàrnain ann an Uibhist a Deas o chionn còig bliadhna.

Bha Kaylee air a cumail glacte fon bhàta san robh i còmhla ri caideatan eile, 's a bha ro làn, nuair a chuir an soitheach car dhith san loch.

Cha deach mothachadh nach robh i am measg nan caideatan eile, leis nach deach liosta de dh'ainmean a ghairm a-mach mar a bu chòir às dèidh na tubaiste.

Bha i 14, agus bhuinneadh i do dh'Fhyvie ann an Siorrachd Obar Dheathain,

Seacaid-sàbhalaidh

Thàinig e am bàrr às dèidh làimhe gun robh an t-seòrsa ceàrr de sheacaid-sàbhalaidh oirre, 's gun robh sin air a bacadh bho bhith ga saoradh fhèin.

Dh'aidich e ron a seo gun deach riaghailtean slàinte 's sàbhailteachd a bhriseadh air an turas.

Thuige seo 's e am Mèidear MacCaluim an aon duine a chaidh a dhìteadh.

Dh'aidich e casaidean co-cheangailte ris an tubaist aig Cuirt an t-Siorraidh ann an Inbhir Nis o chionn deich la.

Chuir pàrantan Kaylee fàilte air aideachadh a' Mhèidsear MhicCaluim.