Comataidh na h-Àrainneachd sa Ghearasdan

  • 16 An t-Samhain 2012

Gheibh muinntir a' Ghearasdain cothrom beachd air Bile nan Tuathanasan Èisg aig Pàrlamaid na h-Alba a thoirt do Chomataidh Àrainneachd na Pàrlamaid.

Tha iad a' tadhail air an sgìre Dihaoine 's Disathairne (16/17mh an t-Samhain).

Coinnichidh iad, am measg eile, ris a' chompanaidh Marine Harvest.

Tha am Bile a' moladh san fharsainneachd riaghailtean nas treasa air tuathanasan èisg.

Chur còrr 's 1,000 duine beachd a-steach tro cho-chomhairleachadh phoblach air a' Bhile.

Duilleagan Eadar-lìn co-cheangailte

Chan eil uallach air a' BhBC son na tha air làraichean-lìn eile