Doimhnead rèisg a' cur ri cosgais chàbail a' Chuain Sgìth

  • 16 An t-Samhain 2012
Cabal fon mhuir
Image caption Dheadh an càbal a chur fon talamh eadar Achadh Dà Dhòmhnaill agus a' Mhanachainn.

Tha eòlaichean bho ghnìomhachas an dealain ag ràdh gur e doimhnead rèisg, ris nach robh dùil, as coireach gun deach prìs a' chàbail-dealain a bhiodh a' ceangail na h-Eileanan Siar ri Tìr Mòr suas gu £700m.

Thuirt iad cuideachd nach eil mòran chompanaidhean a' dèanamh an leithid seo de dh'obair, agus gu bheil sin cuideachd a' cur ris a' chosgais.

Tha SSE am beachd an càbal a thiodhlacadh air Tìr Mòr eadar Achadh Dà Dhòmhnaill far an tig e air tìr, agus a' Mhanachainn, far am faigh e ceangal ris an loidhne mhòir dhealain eadar am baile sin agus Deanaidh faisg air Sruighlea.

Ach fhuair sgrùdadh gun robh an riasg air an t-slighe sin tòrr nas doimhne na bha dùil.

Mar sin dheth, dh'fheumadh SSE rathaidean a thogail agus talamh gainmhich a thoirt a-steach airson an riasg a neartachadh, gus nach deadh an càbal fodha nas doimhne na thathas ag iarraidh.

Tuilleadh air an sgeulachd seo

Duilleagan Eadar-lìn co-cheangailte

Chan eil uallach air a' BhBC son na tha air làraichean-lìn eile