Obair leasachaidh air prìomh rathaidean an Òbain

  • 15 An t-Samhain 2012
Esplanade an Òbain
Image caption Tòisichidh an obair-càraidh 19mh Samhain

Thèid £150,000 a chosg air obair sgeadachaidh air Esplanade an Òbain agus Sràid Dheòrsa sa bhaile.

Tòisichidh an obair air an Esplanade Diluain 19mh Samhain 's tha dùil gum mair e fad seachdain.

Bidh iad a' teàrradh an rathaid eadar 09:00m agus 4:00f Diluain gu Dihaoine, 's cha bhith ach aon shlighe fosgailte tron àm sin.

Sràid Dheòrsa

Bithear a' gluasad gu Sràid Dheòrsa Didòmhnaich 25mh Samhain agus ag obair tro na h-oidhcheannan eadar 9:00f agus 06:00m.

Tha dùil gum bi iad deiseil madainn Dihaoine, 30mh Samhain.

Bu chòir do dhràibhearan an sgìre a sheachnadh, no barrachd ùine a thoirt dhaibh fhèin son an ceann-ùidhe aca a ruighinn, gu h-àraidh daoine a tha a' dol air bàt-aiseig às an Òban.

Duilleagan Eadar-lìn co-cheangailte

Chan eil uallach air a' BhBC son na tha air làraichean-lìn eile