Dragh mu dhàil Chàbail a' Chuain Sgìth

  • 15 An t-Samhain 2012
Càbal fon mhuir
Image caption Thàinig dàil eile air an càbal a chur an-sàs.

Tha dragh ann a-nis mun bhuaidh a bheir an dàil sa phròiseact airson a' chàbail-dealain eadar na h-Eileanan Siar agus Tìr Mòr air leasachaidhean ath-nuadhachail a bharrachd anns an sgìre.

Thàinig e am follais nach urrainn dhan tuath-gaoithe a thathas a' togail air mòinteach a' Phentland ach 3/4 den chumhachd a bhathas a' miannachadh a chruthachadh gus am bi ceangal susbainteach ann ris a' Ghriod Nàiseanta.

"Tha daoine a' faireachdainn gu bheil sin a' dol a chur chùisean air ais anns na h-Eileanan, gu h-àraid leis na sgeamaichean as motha, ach tha e cuideachd a' toirt trioblaid do na sgeamaichean beaga," thuirt Dòmhnall MacRisnidh, stiùiriche na buidhne uaine Greenspace.

"Tha acasan ri rudan a dhèanamh an-dràsta airson an griod lag a th' againn sna h-Eileanan a làimhseachadh.

Adhartas

"'S e briseadh dùil a th' ann.

"Chaidh na pròiseactan a tha sin a dhealbh bho chionn bhliadhnaichean air ais, agus tha iad an dèidh an t-ionmhas a thogail gun càbal a chur an sàs.

"Tha an t-ionmhas ann, 's tha na pròiseactan a' gluasad air adhart - an fheadhainn bheaga, ach thig na pròiseactan nas motha le càbal den t-seòrsa sin.

"Tha na companaidhean 's na bancaichean air a bhith a' cur an airgid a-steach dha na pròiseactan a tha sin air sgàth 's gu bheil e a' dol a dhèanamh prothaid, gu bheil e a' dol a chuideachadh na h-àrainneachd 's rudan den t-seòrsa sin.

"Nuair a thig an càbal, thig adhartas.

"Aig deireadh an là, 's ann air Tìr Mòr a tha feum air a' chumhachd," thuirt e.

Tuilleadh air an sgeulachd seo