Ceann-là ro luchd-rianachd Phatton

  • 15 An t-Samhain 2012
Caisteal Leòdhais
Image caption Tha dùil ri fios mu chùmhnant airson leasachaidh am broinn a' chaisteil an ceann trì seachdainnean.

Thug Comhairle nan Eilean Siar seachdain (gu Diardaoin 22na) do luchd-rianachd na companaidh Patton a dh'innse an cùm iad orra ag obair air Caisteal Leòdhais.

Tha companaidh Neill MhicAoidh, a tha a' feitheamh ri £400,000 fhaighinn bho Phatton, ag ràdh gun tèid an luchd-obrach acasan a tharraing bhon Chaisteal Dihaoine.

Thuirt Mgr MacAoidh nach b'urrainn dhaibh cumail a' dol gun phàigheadh.

Tha iad cuideachd air cùmhnant eile fhaighinn a chumas obair ris a luchd-obrach gu lèir gu àm na Nollaige.

Tha a' Chomhairle a' deasachadh plana gun fhios nach can an luchd-rianachd, Kennan CF, nach cùm iad orra ag obair air a' chaisteal.

Tha iad cuideachd a' meas tairgsean airson an obair-leasachaidh mhòir air taobh a-staigh a' Chaisteil, air luach £11m.

Tha companaidh MhicAoidh air tè de na companaidhean a th' air tairgse a chur a-steach airson na h-obrach sin.

Tha dùil gun nochd fios mu cò gheibh an cùmhnant sin an ceann trì seachdainnean.

Duilleagan Eadar-lìn co-cheangailte

Chan eil uallach air a' BhBC son na tha air làraichean-lìn eile