Uard dùinte aig Ospadal nan Eilean

  • 14 An t-Samhain 2012
Norobhìoras
Image caption Tha euslaintaich air a bhith a' fulang le comharraidhean norobhìoras

Tha uard ann an Ospadal nan Eilean dùinte do dh'euslaintich ùra air sgath tinneis am measg euslainteach.

Tha feadhainn de na h-euslaintich ann am Uard Meidigeach 2 air a bhith a' cur a-mach agus a' fulang le droch stamag, agus dhan mhòr chuid, chan eil e ceadaichte do dhaoine a bhith a' tadhal orra.

Ged nach deach a dhearbhadh fhathast gur e norobhìoras a tha orra, tha na h-aon seòrsa chomharraidhean aca.

Sean is òg

Chaidh iarraidh air daoine a tha tadhal air an ospadal dèanamh cinnteach gu bheil iad air na làmhan aca a nithe le uisge is siabann agus ma tha iad fhèin air a bhith a' fulang, fuireach air falbh.

Thuirt tè-labhairt an ospadail, Jennifer NicDhòmhnaill gur e Norobhìora an galair is cumanta ann am Breatainn agus gu bheil e a' toirt buaidh air daoine sean is òg.

'S e galar a tha sgapadh gu math furasta gu h-àraidh tro làmhan 's tha còir aig a' mhòr-shluagh aire a ghabhail nuair a tha iad a' fulang leis, nithe na làmhan aca, agus glanadh ceart a dhèanamh air goireasan san taigh bheag.

Duilleagan Eadar-lìn co-cheangailte

Chan eil uallach air a' BhBC son na tha air làraichean-lìn eile