Comhairle gus companaidhean ainmeachadh?

  • 14 An t-Samhain 2012

Tha Comhairle na Gàidhealtachd a' beachdachadh air sgeama far am biodh iad ag ainmeachadh gu poblach chompanaidhean agus bhuidhnean a tha a' cur chosgaisean a bharrachd mu choinneimh stuth a chur dhan Ghàidhealtachd agus dha na h-Eileanan.

Tha poileasaidh aig cuid de chompanaidhean a tha stèidhichte aig deas a bhith a' cur cosgais airson stuth a chur tron phost, no tro chompanaidhean giùlain chun na Gàidhealtachd, nas motha na chuireas iad airson a chur gu àiteachan eile ann am Breatainn.

Tha oifigich malairt na Comhairle son fiosrachadh a thoirt seachad mu chompanaidhean a tha a' dèanamh sin.

Bidh comhairlichean a' beachdachadh Diardaoin air an tèid iad air adhart leis an sgeama.

Duilleagan Eadar-lìn co-cheangailte

Chan eil uallach air a' BhBC son na tha air làraichean-lìn eile