Cumhachd
Cha chluich seo air an uidheamachd agaibh

Ceistean ùra mu chosgais a' chàbail

14 An t-Samhain 2012 Ùraichte aig Ùraichte aig

Thuirt companaidh a th'airson càbal dealain a chur eadar Leòdhas agus tìr-mòr nach urrainn dhaibh innse aig an ìre seo carson a chosgadh e a dhà uimhir ri pròiseictean den aon sheòrsa ann an dùthchanan Eòrpach eile.

Dh'fhoillsich Scottish Hydro Electric Transmission Eta (SHE) gun cosgadh an càbal mu £700m, a' togail teagamhan mun phròiseict fhèin agus mu leasachadh cumhachd ath-nuadhachail anns na h-Eileanan an Iar.