Cha chluich seo air an uidheamachd agaibh

Bann-leathann na Comraich

14 An t-Samhain 2012 Ùraichte aig Ùraichte aig

Gheibh muinntir na Comraich buannachd à stòras airgid luach £5m, a tha ag amas air seirbheis bhann-leathainn adhartaich a leudachadh gu coimhearsnachdan iomalach.

Dh'innis Riaghaltas na h-Alba gum bi a' Chomraich am measg sia coimhearsnachdan a gheibh airgead arson piseach a thoirt air an t-seirbheis aca.

Tha Colbhasa cuideachd am measg nan sgìrean a gheibh buannachd às an sgeama.