Moladh an A83 a leasachadh

  • 14 An t-Samhain 2012
Ceann Loch Chille Chiarain Image copyright Undiscovered Scotland
Image caption Dheadh an A83 a dhèanamh na Phrìomh Rathad fad na slighe gu ruige Cheann Locha.

Cho-dhùin Comataidh nan Ath-chuingean aig Pàrlamaid na h-Alba gun iarr iad air Comhairle Earra-Ghàidheal is Bhòid iarrtas foirmeil a chur chun an Riaghaltais airson an A83 àrdachadh gu Prìomh Rathad fad na slighe gu ruige Cheann Loch Chille Chiarain.

Am measg nam puingean air an do thog a' Chomataidh, tha an t-earrann den rathad ris an abrar Rest and Be Thankful, ann an Gleann Crò, a tha gu tric air a dhùnadh le maoimtean-slèibhe.

Tha cuideachd earrainnean ann an Inbhir Aora, agus eadar Ceann Loch Gilp 's Tairbeart Loch Fine far a bheil an rathad a' fàs nas cumhainge.

Thog iad cuideachd dragh mu àiteachan far am faighear air a dhol tarsainn an rathaid ann an Àird Dhriseig agus air Tarbeart Loch Fine.

Tha iad cuideachd airson 's gun tèid feuchainn ri seirbheis-aiseig a chur tarsainn air Linne Chluaidh eadar Ceann Locha agus Siorrachd Inbhir Àir.

Duilleagan Eadar-lìn co-cheangailte

Chan eil uallach air a' BhBC son na tha air làraichean-lìn eile