Urras na Comraich air ballrachd a dhiùltadh

  • 14 An t-Samhain 2012
Taigh Mòr na Comraich Image copyright Undiscovered Scotland
Image caption Chan eil duine de na h-Urrasairean a' fuireach san sgìre.

Dhiùlt Urras Oighreachd na Comraich air taobh siar Rois ballrachd do dhuine sam bith de mhuinntir an àite.

Dh'iarr feadhainn às an sgìre ballrachd mar phàirt den iomairt aig fear-strì an fhearainn, Andy Wightman, a tha ag amas air tuilleadh smachd a thoirt do dhaoine air leasachadh sna coimhearsnachdan aca fhèin.

Ach ged a dh'iarr còrr agus 100 duine, bhon sgìre agus bhon taobh a-muigh, ballrachd, cha do ghabh Urras na Comraich ri duine dhiubh.

Nam measg bha na Buill-Phàrlamaid Dàibhidh Stiùbhart agus Teàrlach Ceannadach.

Ceangal agus Leasachadh

"'S iad daoine aig a bheil ceangal ris a' Chomraich o chionn fhada a th' anns na h-Urrasairean uile, agus tha iad a' tuigsinn na Comraich 's mar a tha i ag obrachadh," thuirt Bàilidh an Urrais, Eardsaidh MacIllIallain.

"Chan eil coltas ann gu bheil ceangal aig an fheadhainn a dh'iarr ballrachd san Urras ris a' Chomraich mar àite.

"Mar sin, tha mi an amharas nach eil ann ach iomairt le poileataigs air a' chùlaibh, gun ùidh no cùram sam bith dha-rìribh don Chomraich, ach oidhirp air ath-leasachadh fearainn fhaighinn tron doras chùil," thuirt e.

Tha Mgr Wightman, a th' air cùil na h-iomairt, ag ràdh gu bheil cruaidh fheum aig a' Chomraich air cothroman leasachaidh nach eil iad a' faighinn bhon Urras ge-tà.

"Tha coimhearsnachd na Comraich gu math cugallach, agus tha i feumach air in-ionmhas mòr, air barrachd dhaoine a bhith a' fuireach ann, air barrachd chloinne san sgoil," thuirt e.

"Agus cho fad 's a tha an oighreachd mhòr seo fo shealbh glè bheag de dhaoine nach eil fiù 's a' fuireach ann, ach a bhios a' tadhail an-dràsta 's a-rithist gus beagan seilge a dhèanamh, chan fhaic mi gu bheil cus dòchais ann a thaobh sin," thuirt e.