Agallamh airson Ceannard Bun-sgoile

  • 13 An t-Samhain 2012
Bun-sgoil Ghàidhlig Inbhir Nis
Dh'fhailich air a' Chomhairle tagraiche le Gàidhlig fhaighinn.

Cha tèid ach aon neach fo agallamh airson dreuchd ceannard làn-ùine air Bun-sgoil Ghàidhlig Inbhir Nis.

Tha e air tighinn am bàrr gun do chuir Cathraiche an Fhoghlaim aig Comhairle na Gàidhealtachd, Uisdean Friseal, litir gu Danny Alexander BP air an treas là den t-Sultain, a' dearbhadh gun gabhte ri iarrtas bho Annika Jansson, leis nach eil tagraiche sam bith eile air am meas freagarrach.

Thèid agallamh a chumail Diluain, agus tha a h-uile coltas ann a-nise gur e ceannard gun Ghàidhlig a bhios os cionn Bun-sgoil Ghàidhlig Inbhir Nis.

Chaidh Ms Jansson a chur dhan dreuchd gu h-eadar-amail o chionn dà bhliadhna.

Chuir Comann nam Pàrant aig an sgoil an aghaidh an dreuchd làn-ùine a bhith ga toirt dhise, leis nach bruidhinn i Gàidhlig.

Fhuair an iomairt aca airson ceannard le Gàidhlig fhaighinn, taic bho eòlaichean mhion-chànanan, agus bho Bhòrd na Gàidhlig, a bha ag ràdh gun robh ceannard le Gàidhlig riatanach airson na sgoile.