Cosgais a' chàbail fhathast gun mhìneachadh

  • 13 An t-Samhain 2012
Uidheam cumhachd nan tonn
Thathas a' faicinn a' chàbail mar rud bunaideach airson buannachd fhaighinn à cumhachd ath-nuadhachail sna h-Eileanan Siar.

Thuirt Scottish Hydro Electric Transmission Eta (SHE), a' chompanaidh a tha airson càbal dealain a chur fon mhuir eadar Leòdhas agus Tìr Mòr, nach urrainn dhaibh innse aig an ìre seo carson a chosgas e a dhà uidhir ri pròiseactan eile de a leithid air feadh na Roinn Eòrpa.

Dh'innis iad aig toiseach na mìos gun cosg an càbal £700m a-nis.

Tha pròiseact faisg air an aon mheud san t-Suain a' dol a chosg leth uidhir sin.

Thuirt SHE cuideachd gum biodh càbal a' Chuain Sgìth suas ri da bhliadhna nas fhaide ga thogail.

Tha seo a gabhail a-steach 45 mile de chàbal fon mhuir a bheir leis 450 megawatt, 60 mile de chàbal air tìr eadar Achadh Dà Dhòmhnaill agus a' Mhanachainn, agus dà stèisean airson an cumhachd a chur air falbh agus a thoirt air tìr.

Ach tha proiseact a tha ag amas air dealan a chur eadar an t-Suain agus Lituàinia, le càbal 250 mile, a' toirt leis 700 megawatt agus dà stèisean, 's a thèid a chrìochnachadh an ceann trì bliadhna, a' dol a chosg beagan is £350m.

Dh'èirich prìs a' chopair an-uiridh, ach tha i a-nise a' tuiteam air ais.

Tha pròiseactan eile san Roinn Eòrpa le ceangail tòrr nas fhaide cuideachd nas saoire na pròiseact a' Chuain Sgìth.

Thuirt labhraiche do Scottish Hydro Electric nach robh càil aca ri ràdh aig an ìre seo.