Dragh mu Inbhir Iù

  • 12 An t-Samhain 2012
Gàraidhean Inbhir Iù Image copyright Ken Bagnall/Geograph
Image caption Chruthaicheadh na gàraidhean anns na 19mh Linn.

Tha Urras Nàiseanta na h-Alba (NTS) draghail mu na tha an dàin don phrìomh làraich a th' aca ann an iar-thuath na h-Alba.

Chan eil na h-uidhir 's a b'àbhaist de luchd-tadhail a' dèanamh air Gàraidhean Inbhir Iù a-nis, agus tha sin a' bualadh air cho seasmhach 's a tha an t-ionad.

Rinn an NTS sgrùdadh air na gràraidhean agus cuid de na làraichean luachmhor eile a tha fon sgèith, feuch an gabhadh feum na b'fheàrr a dhèanamh de na th' aig a' bhuidhinn.

Chaidh a mholadh gur dòcha gun gabhadh Taigh Mòr Inbhir Iù, na taighean-glainne, agus an còrr den oighreachd leasachadh airson goireasan mìneachaidh agus foghlaim nas fheàrr, agus àiteachan fuirich a thabhainn do luchd-turais.

Chaidh na gàraidhean a chruthachadh leis an uachdaran Ghàidhealach, Sir Osgood MacCoinnich anns an 19mh Linn, le bhith a' cur chraobhan gus fasgadh a thoirt do lusan o fhad is farsainn.

Duilleagan Eadar-lìn co-cheangailte

Chan eil uallach air a' BhBC son na tha air làraichean-lìn eile