Stiùidio
Cha chluich seo air an uidheamachd agaibh

Naidheachdan 11:00m

12 An t-Samhain 2012 Ùraichte aig Ùraichte aig

Am BBC

Tha ceannard naidheachd a' BhBC, Helen Boaden, agus an leas-cheannard Stephen Mitchell, air an dreuchd fhàgail rè ùine gus an tig torradh an rannsachaidh mun dòigh anns na do làimhsich am BBC sgainneal Jimmy Savile. Thàinig an naidheachd na bu tràithe an-diugh, dà là an dèidh do dh'Àrd-Stiùiriche a' BhBC, Seòras Entwhistle, a dhreuchd fhèin fhàgail mu aithris air a' phrògram Newsnight a rinn ceangal nach robh ceart eadar àrd-Thòraidh agus drabastachd chloinne ann an ceann a tuath na Cuimrigh. Tha na Làbaraich ag iarraidh aithris ann an Taigh nan Cumantan air an staing aig a' BhBC, agus Buill-Phàrlamaid a' càineadh mar a thug am BBC tuarastal fad bliadhna do Sheòras Entwhistle nuair nach robh e airigh ach air pàigheadh sia mìosan. Thuirt am Prìomhaire Dàibhidh Camshron an-diugh gu bheil e doirbh an t-suim-airgid sin fhìrinneachadh.

Cìs a' Chonnaidh

Tha na Làbaraich ag iarraidh bhòt ann an Taigh nan Cumantan air an àrdachadh 3sg a tha an Riaghaltas airson a chur air cìs a' chonnaidh anns an Fhaoilleach. Tha na Làbaraich ag ràdh gum bu chòir dàil a chur anns an àrdachadh sin dhan Ghiblean airson gun toir e faochadh do theaghlaichean agus gnìomhachasan beaga air mìosan a' Gheamhraidh.

Seirbheis Rèile

Dh'innis Riaghaltas na h-Alba gu bheil iad a' gluasad air adhart le planaichean airson seirbheis rèile luath eadar Glaschu agus Dùn Èideann. Tha ministearan ag ràdh gum bi an ùine siubhail gu math nas giorra, agus gum faodadh an t-seirbheis a bhith stèidhichte an taobh a-staigh 12 bhliadhna.

Afganastan

Chaidh saighdear Breatannach a mharbhadh aig gearastan ann an sgìre Helmand an ceann a deas Afganastan. Bha e na bhall de na Royal Scots Borderer, a' chiad bhattalion de Rèiseamaid Rìoghail na h-Alba. Thuirt Ministreachd an Dìon gun deach a mharbhadh nuair a loisg saighdear Afganach air. Chaidh fios a chur gu a theaghlach.

Tagsa Uibhist

Tha dragh ann gun tèid a' bhuidheann saor-thoileach Tagsa Uibhist à bith ma 's e agus gun gearr Comhairle nan Eilean Siar an taic-airgid airson còmhdhail anns a' choimhearsnachd. Tha Tagsa Uibhist a' faighinn a' mhòr-chuid de an airgead bhon Chomhaire, agus tha iad a' cumail ghoireasan siubhail ri seann daoine agus feadhainn eile anns a' choimhearsnachd.