Dòchas ùr do Pholl Phàil?

  • 12 An t-Samhain 2012
Poll Phàil
Image caption Tha Poll Phàil air a bhith falamh bho chaidh a thogail.

Tha dòchas às ùr aig muinntir Còmhghaill ann an Earra-Ghàidheal gun tig cosnaidhean dhan sgìre is companaidh leasachaidh air baile Pholl Phàil a cheannach.

Chaidh Poll Phàill a thogail tràth anns na 1970an, le taighean ann 'son mu 500 duine.

Ri thaobh chaidh gàradh a stèidheachadh ann am Port a' Mhadaidh airson clàran-ola concrete a dhèanamh - is bha dùil gum biodh an luchd-obrach a' fuireach ann am Poll Phàill.

Cha do thòisich obair a-riamh sa ghàradh ge-tà, is mar sin tha Poll Phàill air a bhith falamh bho thùs.

Taibhseil

Chaidh daoine gu leòr a dh'fhaicinn an àite thar nam bliadhnaichean, 'an tobhta taibhseil' mar a bh' aig cuid air.

Nochd iomadh plana son Poll Phàil a leasachadh ach cha tàinig gin dhuibh gu buil.

Tha an t-àite a-nise ann droch staid is feadhainn a' gearain gun robh e a' dèanamh milleadh air bòidhchead na sgìre mun cuairt.

"S ann a bha e grànnda a bhith a' coimhead an àite a' tuiteam sìos, na caoraich a' ruith troimhe," thuirt Rhoda Wren a tha a' fuireach anns an sgìre.

Chaidh an t-seann ghàradh ann am Port a' Mhadaidh a leasachadh cheana mar mharina is tha e a' tàladh tòrr dhaoine gu Còmhghall.

Dòchas

A-nise tha dòchas ann dha Poll Phàil cuideachd.

Dhearbh a' chompanaidh Coilltearachd Phort a' Mhadaidh Eta gu bheil iad air am baile a cheannach air £250,000.

Thuirt iad gu bheil iad fhathast ri co-dhùnadh air dè dìreach a nì iad leis an làraich, ach gu bheilear a' beachdachadh air taigh-grùdaidh le ionad-tadhail ann, agus taighean ùra.

Ged a tha cùisean aig ìre thràth, tha muinntir an àite dòchasach.

Òigridh

"Tha sinn toilichte gu dearbha ma tha iad a' dol a dhèanamh taigh-grùdaidh, no rudeigin eile leis, airson is gum cum e an òigridh san àite," thuirt Rhoda Wren.

"Ma gheibh an òigridh obair, fuirichidh iad ann an seo," thuirt i.

Thuirt Coilltearachd Phort a' Mhadaidh Eta gun dèan iad conaltradh mun leasachadh aca ri muinntir an àite, Comhairle Earra-Ghàidheal is Bhòid is Dualchas Nàdair na h-Alba.

Tha dùil gum foillsich iad am planaichean gu h-oifigeil an ceann greis.