Ìmpidh Eòrpach mu Bhun-sgoil Ghàidhlig Inbhir Nis

  • 12 An t-Samhain 2012
Bun-sgoil Ghàidhlig Inbhir Nis
Image caption Tha pàrantan draghail gun tèid ceannard gun Ghàidhlig fhastadh airson na sgoile.

Tha buidheann chànanan Eòrpach air ìmpidh a chur air Comhairle na Gàidhealtachd co-chomhairleachadh nas fheàrr a dhèanamh le pàrantan mu cheannard ùr a lorg airson Bun-Sgoil Ghàidhlig Inbhir Nis.

Tha an co-chomhairleachadh an-dràsta a' coimhead ri cuideigin aig nach eil Gàidhlig a chur dhan dreuchd.

Ach thuirt an Dr Davyth Hicks bho Lìonra Co-ionnanachd Chànanan na h-Eòrpa, gu bheil e deatamach gun tèid a h-uile càil anns an sgoil a dheànamh tro mheadhan na Gàidhlig, ma tha i gu bhith soirbheachail.

Sgrìobh an Dr Hicks gu Comhairle na Gàidhealtachd ag ràdh gun robh eachdraidh mhath aig a' Chomhairle a thaobh na Gàidhlig, ach gun dèanadh e cron air a' chànan nan deadh ceannard gun Ghàidhlig a chur os cionn na sgoile.

Thuirt e gum feum an sgoil an cànan a chleachdadh sa h-uile càil a tha i a' dèanamh, chan ann a-mhain sna seòmaraichean-teagaisg, 's nach urrainn don sgoil soirbheachadh gus an tachair sin.

Tha e ag iarraidh gum bi pàirt nas motha aig pàrantan ri chluich anns a' phròiseas gus dearbhadh cò bu chòir a chur os cionn na sgoile.

Tha Comhairle na Gàidhealtachd air a ràdh gu bheil iad a' leantainn a' phròiseis mar as còir dhaibh agus gu bheil iad ann an co-chomhairelachadh le pàrantan na cloinne mun dòigh as fheàrr a' chùis a rèiteach.

Tha a' Chomhairle air grunn oidhirpean a dhèanamh gus ceannard fhastadh, ach tha e air faileachadh orra sin a dhèanamh thuige seo.

Duilleagan Eadar-lìn co-cheangailte

Chan eil uallach air a' BhBC son na tha air làraichean-lìn eile