Iarrtas a' Ghriogaraich mun Rest

  • 9 An t-Samhain 2012
An A83
Image caption Chaidh an rathad a dhùnadh grunn thursan anns na beagan bhliadhnaichean a chaidh seachad.

Nochd iarrtas ùr airson gun dèan Riaghaltas na h-Alba cabhag le slighe-èiginn do dhràibhearan a chur air dòigh tro Ghleann a' Chrò ann an Earra-Ghàidheal.

Tha an Riaghaltas air gealltainn slighe fhosgladh is iad gu bhith a' cleachdadh pìos de sheann rathad an airm, a thogadh san 18mh linn.

Rachadh an t-slighe a chur gu feum nam biodh an A83 fhèin dùinte aig an Rest and Be Thankful.

Tha grunn mhaoimtean-slèibhe air an rathad a dhùnadh anns na beagan bhliadhnaichean a chaidh.

Thog fear de Bhuill-Phàrlamaid na Gàidhealtachd is nan Eilean, an Tòraidheach Jamie MacGriogair, a' chùis aig Holyrood Dihaoine.

Thuirt MacGriogair gu bheil e diombach nach deach fhathast aonta a dhèanamh leis an uachdaran airson gun tèid seann rathad an airm a chleachdadh.

"B' e mo rùn bho thùs - agus rùn chomhairlichean leithid Dhòmhnaill Kelly - gum biodh an t-slighe-èiginn seo deiseil aig toiseach na mìos seo.

"Le geamradh a-nise oirrn tha cunnart a bharrachd ann gun tig maoimtean-slèibhe eile.

"Mar sin tha mi ag iarraidh air ministearan an riaghaltais a h-uile oidhirp a dhèanamh gus dèanamh cinnteach gum fosgail an t-slighe seo cho luath 's a ghabhas," thuirt e.

Chruinnich buidheann-ghnìoma an A83 son an dàrna turais san Damhair.

Thuirt Ministear na Còmhdhail, Keith Brown, an uair sin gun robh an riaghaltas faisg air aonta leis an uachdaran son rathad an airm a chleachdadh.

Thuirt Mgr Brown cuideachd gu bheil dùil aig deireadh na bliadhna ri aithisg dheireannaich air fuasgladh maireannach dha na trioblaidean aig an Rest.

Tuilleadh air an sgeulachd seo

Duilleagan Eadar-lìn co-cheangailte

Chan eil uallach air a' BhBC son na tha air làraichean-lìn eile