Atharrachaidhean aig sgiobaidhean Loch Abair

  • 9 An t-Samhain 2012
Cill Mhàillidh is Lòbhat Image copyright Neil G Paterson
Image caption Chaill Cill Mhàillidh an t-àite sa Phrìomh Lìog ann an 2012.

Dh'innis dithis de mhanaidsearan Chill Mhàillidh gu bheil iad a' cur an dleasadan bhuapa às dèidh mar a chaill an cluba an t-àite sa Phrìomh Lìog.

Tha Lachaidh Innes is Peadar Jackson air leigeil fhaicinn nach bi iad a' cumail a' dol mar mhanaidsearan na sgioba.

Chan eil fios fhathast dè tha an dàn dhan fhear eile a bha a' stiùireadh na sgioba còmha riutha, Iain Moireasdan.

Bha seusan truagh aig Cill Mhàillidh is iad a' crìochnachadh san darna àite bhon bhonn sa Phrìomh Lìog le dìreach 8 puingean.

Bristeadh-dùil

'S e bristeadh-dùil mòr a bh'ann dhan chluba, a bha air tilleadh dhan ìre as àirde sa gheama ann an 2011.

Bidh iad a-nise ag amas air Lìog Tuath 1 a bhuannachadh a-rithist is thuirt cathraiche Chill Mhàillidh, Uisdean Mac an t-Saoir, nach eil cabhag sam bith orra manaidsearan ùra a thaghadh.

"Tha e nas ciallaich a bhith a' feitheamh son dèanamh cinnteach gum faigh sinn na daoine cearta.

"Tha e cho fìor chudromach, san t-suidheachadh a th'againn an drasta, gun dean sinn an co-dhùnadh ceart", thuirt e.

Atharrachaidhean

Thàinig na h-atharrachaidhean aig Cill Mhàillidh dìreach laithean às dèidh dha na nàbaidhean aca air taobh thall Abhainn Lòchaidh sgioba choidsidh ùr a chur ann an àite.

Dh'innis An Gearasdan gum bi Bhictor Mac a' Ghobhainn is Àdhamh Robasdan a' dol os cionn na sgioba an àite Pheadair Mhic an t-Saoir.

'S e dithis de shàr-ghaisgich a' Ghearasdain a tha ann an Mac a' Ghobhainn is Robasdan is iad air Cupa na Camanachd a bhuannachadh mar chluicheadaran grunn thursan.

Fhuair iad eòlas air obair a' mhanaidsear cheana le darna sgioba a' Ghearasdain.

Bidh an dithis ag amas air a' chluba a thilleadh gu mullach na spòrs às dèidh dà sheusan gun duaisean.

Duilleagan Eadar-lìn co-cheangailte

Chan eil uallach air a' BhBC son na tha air làraichean-lìn eile