Ceithir troimhe ann an Deasbad nan Sgoiltean

  • 9 An t-Samhain 2012
Deasbad nan Sgoiltean Image copyright Other
Image caption Murchadh Moireasdain bho MG ALBA a’ toirt seachad nam bileagan eàrlais do na sgoilearan a ghabh pàirt san deasbad.

Chaidh ceithir sgiobaidhean air adhart dhan iar-chuairt dheireannaich de Dheasbad BT nan Sgoiltean.

Thàinig iad am bàrr às dèidh dheasbadan am measg dusan sgioba san Lanntair ann an Steòrnabhagh Diardaoin.

Bidh Àrd-Sgoil Phort Rìgh a-nise a' deasbad ri Sgoil MhicNeacail B, agus Acadamaidh Inbhir Pheofharain an aghaidh Acadamaidh Rìoghail Bhaile Dhubhthaich.

Bidh Alannah Pheutan agus Eilidh Cormack às Àrd-Sgoil Phort Rìgh a' deasbad an aghaidh Isabelle Bain agus Peigi Anna Scott à Sgoil MhicNeacail B air a' chuspair, 'Bu chòir lagh a bhith ann mu na dh'fhaodas teaghlach a chosg air biadh mi-fhallain gach seachdain'.

Anns an dàrna deasbad bidh Megan Dale agus Ella Scarr às Acadamaidh Inbhir Pheofharain a' cur air adhart beachd gu bheil 'là nam pàipearan-naidheachd seachad'.

An aghaidh a' mholaidh seo bidh Eòghann Peutan agus Breigha Mhoireasdain às Acadamaidh Rìoghail Bhaile Dhubhthaich.

'S ann aig Ionad Sgeulachd na h-Alba ann an Dùn Èideann a bhios an iar-chuairt dheireannach, Dimàirt an 27mh den t-Samhain.

Duilleagan Eadar-lìn co-cheangailte

Chan eil uallach air a' BhBC son na tha air làraichean-lìn eile