Mèidsear air a chiont aideachadh

  • 9 An t-Samhain 2012
Kaylee Nic an Tòisich agus am Mèidsear Seòras MacCaluim Image copyright Not Specified
Image caption B'e am Mèidsear Seòras MacCaluim a bha os cionn an turais.

Tha am fear a bha os cionn turais chaideatan an airm ann an Uibhist anns an d'fhuair deugaire bàs air aideachadh gu bheil e ciontach de chasaidean co-cheangailte ri slàinte is sàbhailteachd.

A' nochdadh aig Cùirt an t-Siorraidh ann an Inbhir Nis, dh'aidich am Mèidsear Seòras MacCaluim, 52, gun do bhris e Achd na Slàinte 's na Sàbhailteachd aig Obair.

Chaidh Kaylee Nic an Tòisich, a bha 14 agus a bhuinneadh do Fyvie ann an Siorrachd Obar Dheathain, a bhàthadh nuair a chuir am bàta san robh i car dhith ann an Loch a' Chàrnain ann an Uibhist a Deas ann an 2007.

Cha do mhothaich duine den 34 caideatan eile a bha sa bhuidhinn nach robh i an làthair às dèidh na tubaiste.

Fhuair rannsachadh tubaist bhàsmhoir gun robh sreath de dh'fhàilchidhean air leantainn gu a bàs.

Chaidh Kaylee fhàgail glacte fon bhàta, a bh' air a beul-foidhpe, fad 90 mionaid mus deach aithneachadh gun robh i a dhìth, seach nach deach na caideatan a chunntadh gu ceart.

Bha an t-seòrsa ceàrr de sheacaid-sàbhalaidh oirre, agus dh'fhàg sin nach fhaigheadh i air a saoradh fhèin.

Chuir rannsachadh a rinn Meur-rannsachaidh nan Tubaistean Mara, coire air droch dhealbhachadh, droch uidheamachd, agus mearachdan daonna.

Thèid binn a chur air a' Mhèidsear MacCaluim fhathast.