Bòrd a' cuideachadh chomhairlean

  • 9 An t-Samhain 2012
Clann-sgoile
Image caption Thathas airson na tha de chloinn a' dol a-steach gu foghlam tro mheadhan na Gàidhlig gach bliadhna a dhùblachadh air feadh na dùthcha.

Tha Bòrd na Gàidhlig air tòiseachadh ag obair gu dlùth le comhairlean air feadh na dùthcha airson tuilleadh cloinne a chur gu fòghlam tro mheadhan na Gàidhlig.

'S e amas a' Bhùird an àireamh a tha a' tòiseachadh air clas a h-aon gach bliadhna an-dràsta a dhùblachadh bho 400 gu 800 air feadh na dùthcha.

Choinnich Ceannard a' Bhùird, Iain Aonghas MacAoidh, ri comhairlichean na Gàidhealtachd Diardaoin.

Mhìnich e dhaibh gum bi dleastanas mòr orrasan 'son an àireamh a chur suas bhon 120 a tha a' dol gu P1 air a' Ghàidhealtachd an-dràsta gu faisg air 250.

Tidsearan

"Tha sinn air neach a chur an gnìomh a bhruidhneas gu mionaideach ri gach comhairle agus ri stiùirichean foghlaim mu dheidhinn dè am plana a dh'fheumadh a bhith aca airson nan còig bliadhna a tha romhainn airson na h-àireamhan àrdachadh," thuirt Mgr MacAoidh.

"Agus bidh am fiosrachadh sin a' tighinn cruinn dhuinn toiseach na h-ath-bhliadhna no mar sin.

"Ach aig an àm seo, 's urrainn dhuinn a ràdh gum feumadh sinn a bhith a' coimhead ann an suidheachadh mar Chomhairle na Gàidhealtachd ri 's dòcha dùblachadh, no barrachd, a thoirt air an àireamh chloinne a tha a' dol a-steach dhan chiad bhliadhna anns a' bhun-sgoil ann am foghlam tro mheadhan na Gàidhlig.

"Bu chòir gun gabhadh sin dèanamh, ma nì sinn oidhirp cheart am measg phàrantan air an dàrna làimh, agus ma thig a' Chomhairle fhèin air adhart a dhèanamh cinnteach gu bheil na tidsearan ann, còmhla rinn fhìn a bhith ag obrachadh air sin.

"Aig an ìre seo an-dràsta, tha fhios againn gu bheil grunn sgoiltean ann an Comhairle na Gàidhealtachd far a bheil clasaichean Gàidhlig ann, agus tha clann anns na sgoiltean sin nach eil a' dol dhan Ghàidhlig a dh'fhaodadh a bhith a' dol dhan Ghàidhlig.

"Gabhaidh na h-àireamhan a thogail anns na dhà no trì bhliadhnaichean a tha romhainn fiù 's leis an t-siostam a th' againn.

"Agus an uair sin, nuair a thig e gu buil, gu bheil sgoil ùr anns a' Ghearasdan, sgoil ùr ann am Port Rìgh, 's dòcha tè eile ann an Inbhir Nis, chan eil rian nach urrainn dhuinn tòrr a dhèanamh.

"Chan eil e gu leòr air a' cheann thall. Tha an 800 an-dràsta mu choinneamh a bhith a' feuchainn ri àireamh luchd-labhairt na Gàidhlig a chothromachadh, gus nach tuit an àireamh sìos seachad air an àireamh far a bheil i an-dràsta.

"A thuilleadh air sin an uair sin ma tha thu ag iarraidh fàis, bidh feum againn air barrachd na an 800.

"Feumaidh barrachd chloinne a dhol a-steach gu foghlam tro mheadhan na Gàidhlig aig ìre òig; feumaidh barrachd a bhith a' cumail a' dol anns an àrd-sgoil gus am bi na comasan aca a dhol a theagasg; agus feumaidh sinn fàs, mar gum biodh, an luchd-obrach againn fhìn tron t-siostam anns an dòigh sin.

"'S e crìonadh a bha a' tachairt thairis air 100 bliadhna, 's tha sinn a-nis ann an suidheachadh far a bheil sinn a' feuchainn ri sin a thionndadh.

"Cha tachair e ann an aon là no ann an còig bliadhna - ach tha sinn a' cur an t-siostaim an àite airson 's gun tachair e," thuirt e.