Buaireadh mu Ùlpan air Ghàidhealtachd

  • 9 An t-Samhain 2012
Ùlpan
Bha a' Chomhairle ag obair le Deiseal gun chùmhnant fhoirmeil o chionn bhliadhnaichean.

Tha buaireadh mòr air èirigh eadar Comhairle na Gàidhealtachd agus a' chompanaidh a tha a' ruith an t-siostaim ionnsachaidh Ghàidhlig, Ùlpan.

Tha a' Chomhairle a' fàgail air Deiseal Earranta gu bheil iad a' sparradh chosgaisean gun chiall air daoine airson a bhith a' cleachdadh Ùlpan.

Tha comhairlichean a-nis air diùltadh an ainm a chur ri cùmhnant ùr leis a' chompanaidh aig an ìre seo.

Ach tha còmhraidhean a' dol air adhart eadar an dà thaobh agus Bòrd na Gàidhlig, a dh'fheuchainn ri fuasgladh fhaighinn.

Airgead Poblach

Tha a' Chomhairle air a bhith a' cur chlasaichean Ùlpan air chois don mhòr-shluagh anns na coimhearsnachdan, agus cuideachd do luchd-obrach na Comhairle fhèin.

Tha ceist ann a-nise ge-tà, co-dhiù lean sin.

Bha a' Chomhairle ag obair còmhla ri Deiseal às aonais cùmhnant fhoirmeil bho chionn bhliadhnaichean, 's iad a' cleachdadh nan stuthan teagaisg aig a' chompanaidh.

Ach tha a' Chomhairle a-nis ag ràdh gun do chuir Deiseal cùmhnant thuca gun chonaltradh sam bith, agus gu bheil na cosgaisean a thigeadh air daoine fon chùmhnant sin fada ro àrd.

Thuirt Deiseal gur ann airson Ùlpan a leasachadh airson oileanach a tha an cùmhnant ùr, gus am biodh clasaichean gan cumail nas trice, a rèir phrionnsabalan coitcheann airson ionnsachadh cànain.

"'S ann airson luach as fheàrr an airgid, agus gus inbhe choitcheann nàiseanta a stèidheachadh a tha na h-atharrachaidhean uile a chuir sinn air adhart," thuirt a' chompanaidh, ann am brath-naidheachd.

"A dh'aindeoin iomadh iarrtas a rinn sinne airson coinneamh le Comhairle na Gàidhealtachd, cha do chuir iad freagairt thugainn gus an robh an ceann-là airson a' chùmhnant seachad.

"Gu mì-fhortannach, 's iad a' Chomhairle a' bhuidheann mu dheireadh den fheadhainn a bhios a' dèiligeadh ri Ùlpan a th' air gnothach a ghabhail le pròiseas a' chùmhnant ùir seo.

"Tha a h-uile duine eile a tha an sàs ann a bhith a' lìbhrigeadh Ùlpan air freagairtean a chur thugainn gu sgiobalta, agus tha sinn air ar brosnachadh gu mòr ri linn sin," thuirt iad.

Tha Deiseal mar thà a' faighinn airgid phoblaich bho Bhòrd na Gàidhlig airson an dòigh teagaisg aca - a bha soirbheachail ann a bhith a' toirt aiseirigh air Eabhrais agus a bhith a' neartachadh na Cuimris gu mòr - a chur an sàs.

Tha a' Chomhairle a-nis a' toirt sùil feuch an gabh dòigh sam bith eile cleachdadh airson na clasaichean aca a ruith, seach an t-Ùlpan aig Deiseal, ged a b' fheàrr leotha fhathast aonta a ruighinn le Deiseal.

Tha dùil gum bi coinneamh ann eadar an dà thaobh agus Bòrd na Gàidhlig air 20mh an t-Samhain feuch fuasgladh fhaighinn.