Ceist mu sheirbheis slàinte Inbhir Aora

Inbhir Aora Thathas fhathast a' sireadh dotair làn-ùine 'son Inbhir Aora, an Fhùirneis agus Mionaird.

Tha ceist air muinntir Inbhir Aora mun t-seirbheis shlàinte aca às dèidh mar a dh'fhailich le oidhirp dotair làn-ùine a lorg airson na sgìre.

Thuirt Compàirteachas Slàinte Coimhearsnachd Earra-Ghàidheal 's Bhòid nach d'fhuair Ionad Meidigeach Cheann Loch Gilb duine 'son seirbheisean meidigeach - a' gabhail a-steach seirbheis taobh a-muigh nan uairean àbhaisteach - a thoirt seachad ann an Inbhir Aora, san Fhùirneis agus ann am Mionaird.

Thuirt a' bhuidheann gun dèan iad a-nise sgrùdadh feuch dè an dòigh as fheàrr seirbheisean a thoirt seachad san sgìre.

Bidh dotair locum a' frithealadh air na daoine gus an tèid fuasgladh maireannach a lorg.

Tha e coltach gu bheil an suidheachadh air beagan iomagain a chur air muinntir an àite.

"Mì-chinnt"

"Tha mi a' creidsinn gu bheil e a' fàgail mì-chinnt, bidh eagal air daoine nach bi dotair suidhichte anns an sgìre seo, gur ann às àite eile a bhiodh iad a' tighinn," thuirt an t-Oll. Urr. Ruairidh MacLeòid, a tha a' fuireach san Fhùirneis.

"Tha mi a' smaoineachadh gu bheil e feumail gu bheil dotair ann a tha eòlach air an àite, èolach air na daoine agus air na teaghlaichean," thuirt e.

Thuirt Mgr MacLeòid nach biodh a freagarrach nam biodh aig muinntir na sgìre a dhol cho fada ri Ceann Loch Gilb 'son dotair fhaicinn.

"Tha ceithir mìle fichead eadar Inbhir Aora agus Ceann Loch Gilb agus uaireanan 's e rathad trang a th' ann.

"Bhiodh e mòran na b' fheàrr - mar a tha e le eaglais no le sgoil - an duine a bhith suidhichte anns an sgìre fhèin," thuirt e.

More on This Story

The BBC is not responsible for the content of external Internet sites

Sgeulachdan aithriseach

  • CofaidhCofaidh is Craic an Glaschu

    Fosglaidh cafaidh ùr ann an Glaschu an ath-mhìos do choimhearsnachd Gàidhlig a' bhaile.


  • DìleasRobo Chù Listen

    Luchd-saidheans ag ràdh gun gabhadh ròbotan a chleachdadh an àite chon-chaorach airson caoraich a bhuachailleachd.


BBC © 2014 Chan eil uallach air a' BhBC airson na th' air làraich-lìn eile.

Gheibhear sealladh nas fheàrr den duilleig seo le sealladair lìn nas ùire agus na duilleagan stoidhle (CSS) air. Ged a chithear susbaint na làraich leis an t-sealladair lìn a th' agaibh, tha sinn a' moladh an dreach as ùire den bhathar-bhog ur sealladair a thoirt a-nuas, no ur duilleagan-stoidhle a chur air ma ghabhas sin dèanamh.