CNES a' beachdachadh air Patton

  • 9 An t-Samhain 2012
Caisteal Leòdhais
Image caption Bha cùmhnant luach £2m aig Patton airson obair air Caisteal Leòdhais.

Dh'fhaodadh Comhairle nan Eilean Siar cur às dhan chùmhnant a th' aca leis a' chompanaidh Patton, a tha a-nise ann an rianachd.

Bha cùmhnant luach £2m aig CNES ri Patton airson Caisteal Leòdhais a chàradh.

Dh'fheuch a' Chomhairle bruidhinn ris an luchd-rianachd, Keenan CF, Diardaoin, ach dh'innis a' chompanaidh gun robh iad trang a' dèiligeadh ri gnothaichean Patton ann an Èirinn a Tuath is pàirtean eile de Bhreatainn.

Tha roghainn aig a' Chomhairle cur às dhan chùmhnant, ged a bhiodh cunnart an uair sin gun cailleadh iad eàrlais de mu £200,000 a bh' aca le Patton.

Bhiodh e a' ciallachadh ge-tà gun robh an suidheachadh air ais ann an làmhan CNES, is dh'fhaodadh iad an cùmhnant a chur a-mach gu tairgse às ùr air neo fiù 's a thoirt dha na companaidhean a bha a' tairgse mar thà.

Tagradh

'S e companaidh Niall MhicAoidh a bha san dàrna àite air cùl Patton sa phròiseas tagraidh, is bha iad a' dèanamh cuid mhath den obair aig a' chaisteil às leth Patton.

Tha a' chompanaidh ann am beagan de staing oir bha iad a' feitheamh timcheall air £400,000 bho Phatton.

Thuirt a' chompanaidh gum bi aca ri 15 den luchd-obrach aca a chur às an dreuchdan mur a faigh iad fios bhon luchd-rianachd feasgar Dihaoine.

Thuirt Mgr MacAoidh ge-tà, gu bheil a' chompanaidh glè dheònach cumail a' dol leis an obair aig a' chaisteal, nam biodh dòigh idir ann sin a dhèanamh.

Thathas a' tuigsinn gu bheil mu 60% den obair a-nise dèante is thuirt Mgr MacAoidh gu bheil ùidh aig a' chompanaidh aige crìoch a chur air, nan gabhadh suidheachadh an airgid a rèiteachadh.

Tuilleadh air an sgeulachd seo

Duilleagan Eadar-lìn co-cheangailte

Chan eil uallach air a' BhBC son na tha air làraichean-lìn eile