Uard dùinte aig Ospadal an Òbain

  • 8 An t-Samhain 2012

Chaidh uard ann an ospadal an Òbain a dhùnadh do dh'euslaintich ùra, an dèidh do dh'euslaintich fàs tinn le noro-bhìoras.

Tha noro-bhìoras air còignear ann a Uard B, far am bi euslaintich fo dhlùth-chùram.

Tha grunn de luchd-obrach an ospadail cuideachd tinn.

Thuirt neach-labhairt nach eil fios aca mu dhuine th' air fàs tinn as ùr le noro-bhìoras.