Galar nan uinnseann ann an 11 àite

  • 8 An t-Samhain 2012
Uinnseann
Image caption Chan eil cunnart do mhac an duine anns a' ghalar.

Tha an àireamh de làraichean ann an Alba san deach galar nan uinnseann a lorg air èirigh gu 11.

Thuirt am Prìomh Mhinistear, Ailig Salmond, anns a' Phàrlamaid Diardaoin gun do rinn luchd-obrach coilltearachd min-sgrùdadh air coilltean fad an deireadh sheachdain agus aig toiseach na seachdain seo.

Seach nach eil an galar a' toirt buaidh air craobhan fad na bliadhna, thuirt Mgr Salmond gu bheil cothrom ann plana a chur an gnìomh mus tig an t-Earrach.

Chuir an galar, ris an canar Crìonadh Uinnseann Chalara, às do mu 90% de na craobhan uinnseinn a th' anns an Danmhairg gu lèir.

Tuilleadh air an sgeulachd seo

Duilleagan Eadar-lìn co-cheangailte

Chan eil uallach air a' BhBC son na tha air làraichean-lìn eile