Mìneachadh foghlaim Ghàidhlig do Chomhairle na Gàidhealtachd

  • 8 An t-Samhain 2012
Comhairle na Gàidhealtachd
Tha sùil aig a' Phlana Nàiseanta gum bi 800 pàiste a ' dol a-steach gu P1 ro 2017.

Gheibh Comhairle na Gàidhealtachd mìneachadh Diardaoin bho Bhòrd na Gàidhlig air an t-seòrsa leasachaidh a tha dhìth ann am fòghlam tro mheadhan na Gàidhlig anns an sgìre.

Tha Buidheann Bhuileachaidh na Gàidhlig aig a' Chomhairle air cuireadh a thoirt dhan Bhòrd gus Plana Nàiseanta na Gàidhlig a shoilleireachadh dhaibh.

Tha ùidh aca gu sònraichte anns na targaidean a tha a dhìth airson a bhith a' cur ri àireamh na cloinne a bhruidhneas a' Ghàidhlig, ma tha an cànan gu bhith falain.

Anns a' Phlana Nàiseanta aig a' Bhòrd, feumaidh an àireamh a tha a' dol a-steach gu P1 dùblachadh eadar seo 's 2017 gu còrr air 800 pàiste.