Cosgaisean càbail fon mhuir "air èirigh"

  • 8 An t-Samhain 2012
An Cuan Sgìth
Cha bhi an càbal a-nis deiseil gu co-dhiù an Damhair 2016.

Thuirt a' chompanaidh chumhachd SSE gun tàinig àrdachadh ann an cosgaisean airson càbal mòr dealain eadar na h-Eileanan an Iar is tìr-mòr am bàrr dìreach anns na beagan mhìosan a dh' fhalbh.

Dh'innis SSE cuideachd gun toir iad làn-mhìneachadh air na h-adhbharan a chaidh cosgais na pròiseict an-àirde, nuair a bhios am fiosrachadh air fad aca.

Chaidh an ceòl air feadh na fidhle an t-seachdain seo chaidh nuair a dh'innis SSE nach biodh cabal mòr dealain eadar na h-Eileanan an Iar agus Tìr Mòr deiseil ann an 2015 mar a bha dùil.

Thuirt a' chompanaidh gun toireadh e co-dhiù bliadhna nas fhaide, le fìor chunnart nach biodh e fiù 's deiseil an uair sin.

Dh'innis iad gur e àrdachadh ann an cosgaisean gu co-dhiù £700m not a bu choireach.

Tha Comhairle nan Eilean Siar is buill-phàrlamaid nan eilean nam measg a dh'iarr mìneachadh air na h-adhbharan a chaidh cosgaisean suas cho mòr.

A-nise tha Justin Smyth bho SSE air innse gun tàinig an t-àrdachadh gu aire na companaidh dìreach anns na beagan mhìosan a chaidh seachad.

Thuirt e gu bheil iad fhathast ag obair feuch dè dìreach na cosgaisean mionaideach a bhios an lùib na h-obrach, is gun toir iad mìneachadh air na figearan nuair a bhios am fiosrachadh aca.