Farpais Bhideothan-ciùil

  • 7 An t-Samhain 2012
Camara
Image caption 'S ann le òrain ùra a chaidh a sgrìobhadh mar thà a dheadh na bhideothan a dhèanamh.

Tha farpais 'FilmG' air com-pàirteachas ùr fhoilllseachadh eadar iad fhèin, Fèisean nan Gàidheal agus Watercolour Music airson farpais na h-ath-bhliadhna.

Thathas a' sireadh bhideothan-ciùil a th' air an cur ri òrain Ghàidhlig a tha air an ùr-sgrìobhadh, 's air an seinn le tàlant òg.

Thèid cuireadh a thoirt do dhaoine anns a bheil ùidh a leithid a dhèanamh, a dhol gu bùithdean-obrach agus coinneachadh ris an fheadhainn a tha mar thà an sàs ann a bhith a' sgrìobhadh òran anns a' Ghàidhlig.

Tha farpais FilmG air a bhith a' ruith a-niste o chionn còig bliadhna, agus tha iad a' nis a' dol an sàs anns a' chom-pàirteachas seo gus roinn ùr a chur an lùib na farpais.

Caran Eadar-dhealaichte

"'S e a th' ann ach freagairt chruthachail, tha mi a' creidsinn a tha sinn a' coimhead air a shon, ris a' bhàrdachd a th' anns na h-òrain ùra a tha seo," thuirt Mòrag Stiùbhart a tha an lùib FilmG.

"Thèid cuideachadh is trèanadh a thabhainn 's tha tòrr fiosrachaidh gu bhith air an làraich-lìn.

"Tha sinn cuideachd a' faighinn taic bho na daoine òga fhèin.

"Tha mar gum biodh dà roghainn againn: tha Alasdair MacIlleBhàin againn a bha ag obair còmhla ris an fheadhainn òga air na h-òrain aca fhèin.

"Ach tha esan cuideachd air ceithir òrain ùra a sgrìobhadh, 's tha iad sin air a' chlàr ùr aige, 's tha e fhèin is Watercolour Music deònach na h-òrain sin a thoirt dhuinn.

"'S tha an uair sin feadhainn òg ann a bha an sàs san Taigh Òrain aig Fèisean nan Gàidheal, leis an robh Alasdair a' cuideachadh, tha na h-òrain acasan againn.

"Air an deireadh-sheachdain seo ann an Glaschu anns a' Chonservatoir, bidh cruinneachadh ann do dhuine sam bith aig a bheil ùidh anns an iomairt seo, agus tha sinn toilichte gu bheil companaidh a tha gu math cliùiteach ann an Alba airson bhideothan-ciùil a leasachadh, Forest of Black, bidh iadsan a' ruith seisein dhuinn anns a' mhadainn, agus an uair sin, bidh an stiùiriche Iain MacLeòid a' ruith seisein dhuinn feasgar.

"Tha sinn a' toirt cuireadh do dh'oileanaich aig a bheil beagan eòlais, ach a dh'innse na fìrinn tha e fosgailte do dhuine sam bith aig a bheil ùidh anns a' ghnothach.

"'S e cothrom a th' ann film caran eadar-dhealaichte a chruthachadh agus tha mi creidsinn, a' bhuannachd a th' ann do chuid an ìre mhath, gu bheil an sgriobta aca mar thà, ann an cruth bàrdachd nan òran," thuirt i.

Duilleagan Eadar-lìn co-cheangailte

Chan eil uallach air a' BhBC son na tha air làraichean-lìn eile