Scalpaich gus an t-eilean aca a ghabhail thairis

  • 7 An t-Samhain 2012
Scalpaigh
Image caption Bhòt na h-eileanaich airson a dhol an lùib Urras Cheann a Tuath na Hearadh.

Bhòt muinntir Scalpaigh na Hearadh gu mòr airson an t-eilean aca a ghabhail os làimh.

Thabhainn an t-uachdaran, am fear-gnothaich Sasannach Fred Mac an Tàilleir, an t-eilean an asgaidh don choimhearsnachd sa Ghearran am bliadhna.

Chaidh pàipearan bailleit a chunntadh oidhche Mhàirt ann an Talla Choimhearsnachd Scalpaigh, agus bha buille na bhòta soilleir - 197 air a shon, le dìreach ochdnar na aghaidh.

Bhòt na h-eileanaich cuideachd airson a dhol an lùib Urras Cheann a Tuath na Hearadh airson an t-eilean a ruith, ged nach robh a' bhòt sin cho builleach soilleir - le 110 a' bhòtadh airson a dhol an lùib an Urrais, le 96 airson an t-eilean a ruith gu neo-eisimeileach.

Dh'fheumadh sin ge-tà, aonta bhon Urras, agus cead bho bhuill an Urrais airson a dhol air adhart.

Bho na 1970an agus 80an, tha dàrna leth an t-sluaigh air Scalpaigh fhàgail, agus dhùin bun-sgoil an eilein san Ògmhios am bliadhna, le dìreach ceathrar duine-cloinne air fhàgail innte.

Dh'fhaodadh gun tèid togalach na sgoile a dhèanamh na ionadan gnothachais, agus coltas ann gu bheil iarrtas anns an eilean airson an togalach a chleachdadh.

Anns a' chunntas-sluaigh ann an 2001, 's e Scalpaigh an aon choimhearsnachd ann an Alba anns an robh a' Ghàidhlig aig còrr is 80% den t-sluagh.