Patton ann an rianachd

  • 6 An t-Samhain 2012
Caisteal Leòdhais
Image caption Bha a' chompanaidh air an obair a roinn a-mach eadar diofar chompanaidhean eile.

Tha a' chompanaidh Èireannach Patton a fhuair cùmhnant luach £2m not airson obair a dhèanamh air Caisteal Leòdhais, air a dhol fo rianachd.

Bhuannaich Patton an cùmhnant airson an caisteal a dhèanamh dìonach sa Ghearran am bliadhna.

Bha iad air an obair a roinn a-mach gu companaidhean eile, nam measg a' chompanaidh Leòdhasach Neil MacKay and Sons a dh'dhoilsich air an t-seachdain seo chaidh gun robh iad a' gearradh 15 obraichean 's iad a' gearain nach robh Patton air am pàigheadh fad còig mìosan.

Thuirt cathraiche na companaidh, Niall Patton, gun do choimhead stiùirchean air tòrr diofar roghainnean gus a dhol ann an làmhan luchd-rianachd a sheachnadh, ach nach robh cothrom eile aca an dèidh mar a thug duilgheadasan ann an gnìomhachas an togail buaidh orra.