Scottish Fuels a' saoradh stèiseanan bho na cùmhnantan aca

  • 5 An t-Samhain 2012
Ionad stòraidh Scottish Fuels
Image caption Tha Scottish Fuels air sgrìobhadh do na stèiseanan connaidh ris a bheil iad a' reic anns na h-eileanan an iar.

Tha Scottish Fuels air cead a thoirt do na stèiseanan connaidh anns na h-eileanan an iar crìoch a chur air na cùmhnantan aca leis a' chompanaidh.

Tha Scottish Fuel air sgrìobhadh do na stèiseanan connaidh a tha a' ceannach connaidh bhuapa an dràsta 's iad a' toirt cothrom dhaibh gluasad do chompanaidhean eile ma thogras iad.

Tha seo a' tighinn às dèidh do stèisean peatrail ann an Leòdhas na prìsean acasan lùghdadh 9sg san liotar.

Rinn iad sin às dèidh dhaibh tòiseachadh a' ceannach bho chompanaidh eile.

Co-fharpais

Chuir Ball-pàrlamaid Albannach nan Eilean Siar, Alasdair Allan fàilte air an naidheachd.

Thuirt am ball Nàiseantach gu bheil e an dùil gum brosnaich seo barrachd co-fharpais a-thaobh phrìsean connaidh anns na h-eileanan.

"Tha e follaiseach gun robh feum air a seo ma thathar a' dol a chumail phrìsean sìos do luchd-ceannachd a tha fo uallach mòr an dràsta ri linn àrdachaidhean ann an cosgaisean peatrail thar nam bliadhnaichean mu dheireadh."

Thuirt Maighstear Allan cuideachd gun robh e air sgrìobhadh do Scottish Fuels airson soillearachadh fhaighinn air an tairgse do na stèiseanan peatrail.