Dithis sa chùirt ann an cùis Liam Aitchison

  • 5 An t-Samhain 2012
Liam Aitchison. Dealbh: Poilis a' Chinn a Tuath Image copyright Other
Image caption Tha dithis fhireannach air nochdadh anns a' chùirt ann an co-cheangail ris a' chùis.

Nochd Eòin MacFhionghain, a tha 22, à Eilginn agus Stefan Millar, a tha 21, à Inbhir Nis son a' chiad èisteachd ann an cùid mhuirt Liam Aitchison.

Tha an dithis aca fo chasaid gun do mhuirt iad Liam, a bha 16, à Steinis air iomall Steòrnabhaigh air 23mh den t-Samhain 2011.

Tha iad fo chasaid gun tug iad ionnsadh air le botal agus sgian.

Tha an dithis a' dol as aicheadh nan casaidean.

Dìon sònraichte

Chuir Eòin MacFhionghain dìon sònraichte a-staigh, 's e a' coireachadh cuideigin eile.

Agus chuir Stefan Millar dìon sònraichte a-staigh gu bheil alibi aige.

Thèid èisteachd a chumail air an 7mh agus 8mh latha den Fhaoillteach son breithneachadh air fianais.

Tòisichidh a' chuis anns an Àrd Chùirt ann an Glaschu air 25mh den Ghearran.

Tha dùil gum mair na cùisean lagh fa-leth eadar deich là agus cola-deug.